Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

Farpais-cheist

Bhuannaich sinn Farpais-Cheist Taigh Seinnse Glaschu


Abair oidhche!

Bhuannaich an sgioba agam farpais-cheist taigh seinnse aig Taigh Òsta na Pairce ann an Glaschu a-nochd! Meal ar naidheachd: Fearchar, Ciaran is Lily! Ghabh mi drama Talisker ga chomharraich!

Bidh an ath cho fharpais Oidhche Mhàirt 18mh Dùbhlachd aig 7:30f. Tha e a cosg £2 gach neach a bhith an sàs agus tha duaisean ann airson an sgioba anns a’ chiad agus an dàrna àite. Tha barrachd air fiosrachaidh aig làrach-lìn Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu.

Taigh-òsta na Pàirce, 1194-1202 Sràid Earra-Ghàidheal, Glaschu, G3 8TE

Farpais Cheist Taigh Seinnse ann an Lios Mochuda


Bha mi a’ cluich ann an sgioba le trì buill eile aig farpais-cheist taigh seinnse ‘SNP’ ann an Lios Mochuda ach bhuannaich sgioba bho mheur eile! Co-dhiù, bhuannaich mise dà dhuais sa Raffle! Deagh cheartachadh airson University Challenge!

Taighe-seinnse na Pairce

Sgrìobh mi breithneachadh air Taigh-Òsta na Pairce ann am Partaig airson co-fharpais Famous Grouse aig ‘The Telegraph’:

http://www.telegraph.co.uk/sponsored/foodanddrink/top-100-famous-pubs/8665347/Park-Bar-Glasgow.html

Tha mi a’ smaontinn gu bheil e deagh fhollaiseadh airson Farpais-cheist taigh-seinnse sa Ghàidhlig ann an Glaschu.

Tha Meetup Ghàidhlig Ghlaschu agus Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu ag amas air farpais-cheist a chumail an treas Diciadain gach mìos.

Tha an ath fharpais-cheist Oidhche Chiadain 17mh Lùnastal aig 1930. Tha e cosg £2 gach neach a bhith an sàs.

Bhuannaich an sgioba agam aig an fharpais cheist mu dheireadh 🙂 Seo dealbh:

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑