Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

facebook

Bile an Reifreinn agus cleachdadh na Gàidhlig – Gairm fianais

Diardaoin, 21.03.2013. Seo an latha a chur Nichola Sturgeon ainm ri Bile an Reifreinn. ‘S e ceum mòr  air adhart gu dearbh, ach chan e lagh a th’ ann am bile seo fhathast ge-tà!

Tha Comataidh Bile Reifreinn (Alba) aig Pàrlamaid na h-Alba ris a bheil e an urra sgrùdadh a dhèanamh air an reachdas gus reifreann air neo-eisimeileachd a chumail ag iarraidh fianais mun Bhile.


Ma tha beachd agaibh air an cuspair seo, seo cothrom dhut! Tha an comataidh seo a’ sireadh bheachdan air a’ Bhile an-dràsda gus an 6mh latha dhen Ògmhios 2013.

Bhiodh e math fianais sgrìobhte ann an Gàidhlig fhaicinn. Agus gu h-araid a leughadh beachdan air cleachdadh na Gàidhlig airson na Reifreinn an ath bhliadhna.

Leugh mi na beachdan aig Art Cormack air Facebook. Thuirt e:

 “Bha mi caran leisg a dhol an sàs san deasbad seo ach tha mi den bheachd gur e gnothach cudromach a th’ ann don Ghàidhlig agus còirichean nan Gàidheal “. Sgrìobh e na litreachan an seo: https://dl.dropbox.com/u/5730322/GaelicReferendum.pdf

Tha mi eadar dà bharail. Bu chòir Gàidhlig a bhith cleachdadh ann an taghaidhean coitcheann, ach tha mi nam bheachd gum bi e nas fhearr sin a toiseachach le Riaghaltas ùr is neo-eisimleach. Tha eagal orm gun call sinn bhòtan airson neo-eisimleachd na h-Alba sa Galltachd. Ach air taobh eile, tha fios agam, a-rèir suirbhidh air bheachdan naiseanta, faisg air dà bhliadhna air ais, gu bheil taic ann airson Gàidhlig bhon a’ mhòr-chuid na poblach, agus ’s dòcha, bu chòir sinn Gàidhlig chleachdadh. Tha e doirbh dhomh a’ c uir romhad! ‘S docha bidh mi nas soilleir a-maireach is Didomhnaich às dèidh cothrom a bhruidhinn ri muinntir ann an Inbhir Nis.

Tùsan: 

Na gabh dragh oirbh mu nam Meadhanan Sòisealta! Tweet is bi glic!

Na gabh dragh oirbh mu nam Meadhanan Sòisealta! Tweet is bi glic!

Tha Twitter agus Facebook a’ sìor fhàs bitheanta, ach chan eil mòran daoine iad cleachdadh sa Ghàidhlig. Thug Seumaidh Uallas (@SeumasUallas), eòlaiche nam Meadhanan Sòisealta is oileanach ann an conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig, beachd air nan adhbharan agus thug e fuasglaidhean a chur air adhart. Seo am pìos aige:
Dh’ ionnsaich mi puing inntinneach nuair a ghabh  mi a’ chathair aig pannail deasbaid Gàidhlig aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta ann an Glaschu san t-Sultain. Dh’ ionnsaich mi gu bheil eagal air daoine Gàidhlig a sgrìobhadh air sgàth nach robh tòrr misneachd aca ga dhèanamh, ach a rèir a’ phannail bha droch Gàidhlig nas fhèarr seach gun a bhith a’ cleachdadh cleachdadh Gàidhlig sam bith. Tha mise a’ smaointinn gum bi sin na dheagh thòiseachadh.
Bha mi a’ dèanamh beagan rannsachaidh air an eadar-lion, agus a rèir alt a lorg mi bho cheangal air Fòram na Gàidhlig, tha luchd-saidheans a’ creidsinn  gum bi Facebook, YouTube is teacs a’ dol a shàbhaladh cànanan ann an cunnart. Bha mi a’ smaointinn, uill, ’s docha, ach cha dèan sin a’ chuis mur a h-eil mòran dhaoine aig a bheil Gàidhlig a’ cleachdadh a’ chànain. Bu thoil leam a ràdh, gu bheil a’ mhòr-chuid de  dhaoine ga cleachdadh ann an Gàidhlig nan luchd-ionnsachaidh. Tha mi-fhèin a’ cleachdadh Gàidhlig leis nam meadhanan sòisealta nuair a tha mi a’ sgrìobhadh pìos airson mo bhlog, ag obair air mo dhuilleagan air Facebookno air mo chunntasan Twitter. Tha mi a’ faicinn gach latha cunntasan Twitter is Facebook le ainmean Gàidhlig a’ cleachdadh Beurla a-mhàin – fiù ’s nuair a tha fios agam gu bheil Gàidhlig aca. Mar sin, tha e coltach gu bheil trioblaid fhathast aig buidhnean  is daoine aig a bheil Gàidhlig sin a dhèanamh.
Nam bheachdsa, ’s e dragh a th’ ann leis an dearbh-aithne aca; agus tha adhbhar agam airson sin a ràdh. Nuair a bha mi ann an coinneamh o chionn goirid le tè òg a tha ag obair sna meadhanan Gàidhlig thuirt i gu bheil meadhanan mar Twitter is Facebook rud beag Sasannach agus gum bu chòir dhuinn an cleachdadh ann am Beurla. Chuir sin dragh orm. Tha nam Meadhanan Sòisealta math airson Gàidhlig a chleachdadh anns a’ chiad dol a-mach. Mar sin, tha e cinnteach gu bheil feum ann an-dràsta airson foghlam ann an conaltradh (foillseachadh) a dhèanamh air nam Meadhanan Sòisealta. Tha am foghlam sin a’ tòiseachadh co-dhiù. Thoisich e aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta, agus an dèidh sin aig Pàrlamaid na h-Alba far an robh nam meadhanan sòisealta airson Gàidhlig  air beachdaichidh aig fòram neo-fhoirmeil a chaidh a  chur air dòigh leis an t-seirbheis Ghàidhlig an sin.
A thaobh cleachdadh nam Meadhanan Sòisealta airson Gàidhlig a bhrosnachadh tha deagh eisimpleir làithreach ann. Tha mi a’ leantainn an còmhradh eadar Artair MacCarmaig (@artmaccarmaig) is Edinburgh Evening News (@scotsmanpaper) air Facebook is Twitter – tha gach litir air  fhoillseachadh air loidhne mar pdf.[1]Tha Artair a’ sgrìobhadh litrichean an aghaidh litir aig John Gibson a bha air foillseachadh air an darna latha dhen Dàmhair agus bu thoil leis leisgeul bhon paipear naidheachd.[2] 
Leugh mi gu bheil gearain bho sgrìobhadairean aig an Scotsman oir tha Artair a’ cleachdadh nam Meadhanan Sòisealta. Ach thuirt Artair: “I am doing so [a’ foillseachadh na litrichean air loidhne] because, unlike John Gibson, I do not have access to a, seemingly unfettered, column in a newspaper and it is important that prejudices are aired.”; agus tha mi ag aontachadh leis. Anns an eisimpleir seo, ’s urrainn dhuinn fhaicinn air a’ chiad taobh gu bheil e comasach a chleachdadh nam meadhanan traidiseanta [pàipearan naidheachd] claon-bhreithean a sgaoileadh a thaobh Gàidhlig; agus air an darna thaobh, tha e follaiseach gu bheil nam meadhanan sòisealta feumail airson beachdan ceart a sgaoileadh, agus gu bheil Twitter is Facebook ag obair glè mhath còmhla ris na meadhanan traidiseanta mar litrichean.
Tha mi a’ tuigsinn gu bheil na meadhanan sòisealta ag obair an comain leis na dòighean traidiseanta; agus gu bheil na dòighean traidiseanta air an  cleachdadh gu bitheanta le daoine aig a bheil Gàidhlig. Tha mi a’ tuigsinn cuideachd nach tig ri càil dòighean ùra mar nam Meadhanan Sòisealta ann an Gàidhlig aig an àm seo. Ach bu thoil leam rudeigin a dhèanamh a chuidich leis an adhartais dhen chleachdadh nam Meadhanan Sòisealta ann an Gàidhlig. Bhiodh e math airson aonadan fhoghlaim sna meadhanan sòisealta is blogging (blogachadh) fhaicinn gu h-àraidh air cùrsa Gàidhlig is Conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig air sgàth nach eil fòcas aig a’ chùrsa seo air dòighean tradiseanta. Tha mi an dòchas gum biodh a’ cholaiste fosgailte don bheachd seo.

[Seo am pìos a sgrìobh mi airson measadh ann an clas Craoladh is Foillseachadh mar phàirt dhen cùrsa Gàidhlig is Conaltradh aig SMO]

Co-labhairt: "Ath bheothachadh Choimhearsnachd tro Chultair"

Talla Stafainn – 

Diardaoin, 15mh an t-Samhain 2012 – 9.30m to 4.00f


Bha mi ann an Stafainn airson co-labhairt air cultar mar so-mhaoin na Coimhearsnachd (ath-bheòthachadh Coimhearsnachd tro Chultar) far an robh mòran dhaoine a’ bruidhinn air cuspairean inntinneach, deasbad agus còmhradh timcheall a’ bhùird. Bha mi a’ riochdachadh na 2200+ luchd-leantainn aig Scottish.Gaelic – an duilleag Facebook agam. Bu thoil leam mòran taing a ràdh ri Janni, Oifigear na Gàidhlig, airson lioft ann. Seo an cunntas as ùir agam air a‟ cho-labhairt ann an Stafainn a sgrìobh mi air an duilleig agam (www.facebook.com/Scottish.Gaelic):
“’S e rathad gu math fada a bh’ ann gu Stafainn bho Armadal ach às dèidh Port Rìgh tha an rathad glè bhrèagha gu h-àraidh ann an sgìre Thròndairnis.
Dh’ionnsaich mi air cnapan-starra ann an sgìrean is coimhearsnachdan ionadail ann an Alba a thaobh cultair, cànain is dualchais; agus bhruidhinn sinn mu dheidhinn chothroman turasach is eaconamach aig a’ choinneimh. Tha mi cinnteach gum bi an tachartas seo glè fheumail dhomh san àm ri teachd. Rinn mi deagh cheangalan cuideachd agus chuala mi taisbeanaidhean inntinneach.
Thug an tachartas seo brosnachadh dhomh oir rinn sinn e tron Ghàidhlig le eadar-theangachadh mar aon ann am Beurla. Cha do dh‟fhaighnich duine sam bith mus do thòisich a’ choinneamh airson cead airson Gàidhlig a chleachdadh. Bha dìreach taghadh ann Gàidhlig no Beurla a chleachdadh agus dh’obraich sin glè mhath. Bhruidhinn a h-uile duine aig a bheil Gàidhlig sa Ghàidhlig le tòrr misneachd agus bha mi glè thoilichte sin fhaicinn. Tha mi a’ smaointinn gur e a’ chiad uair a thachair sin a rèir nam beachdan aig na daoine eile an sin. Bha mi toilichte gun d’ fhuair mi an cothrom seo a bhi an sàs anns an fhòram seo”.
(Chaidh sin air fhoillseachadh ann an Sgrìobag, cuairt litir inntearnail aig Sabhal Mòr Ostaig o chionn goirid air 23.11.2012.)

Co-labhairt airson Coimhearsnachdan aig Pàrlamaid na h-Alba

Image © Scottish Parliamentary Corporate Body – 2012.
Licensed under the Open Scottish Parliament Licence v1.0. 

Aithris dhen latha

Luchd-leantainn ùr is teachdaireachd a’ gabhail taing dhomh!

Bha mi moiteil a ghabh pàirt anns na ceathramh Co-Labhairt airson Coimhearsnachdan aig Pàrlamaid na h-Alba “Understanding Your Parliament” ann an Dùn Èideann an-diugh. Bha mi ann mar neach-eòlais ann am Meadhanan Sòisealta agus bha mi a bhruidhinn mu dheidhinn mar a chleachd mi Twitter is Facebook a choitich ris na Buill Phàrlamaid na h-Alba agus airson iomairtean. Bha beagan sgàth orm aig tòiseach an latha ach shocraich mi fhèin mus do thoisich a’ chiad bùth-obrach às dèidh bruidhinn ri Elizabeth, Emma is Sean. Rinn mi dà bhùth-obrach fad an latha. ‘S e a’ chiad uair a bh’ ann gun d’ rinn mi pannail mar seo aig ìre àrd mar seo agus tha mi toilichte a ràdh gun deach e uabhasach math! Aig lòn bha mi a’ bruidhinn ri Murray (faic an dealbh) agus bha mòran dragh air mus tàinig e chun na co-labhairt mu dheidhinn cleachdadh nam meadhanan sòisealta. Aon latha às dèidh, bha e a’ sgrìobhadh drannd (no Tweet) dhomh!

Measadh de 13.11.2012

Image © Scottish Parliamentary Corporate Body – 2012
Licensed under the Open Scottish Parliament Licence v1.0 

A rèir measadh na co-labhairt thàinig 187 riochdairean bho buidhinn choimhearsnachd am measg an t-sluaigh is beag chun na co-labhairt. Bha latha glè fheumail airson na riochdairean agus bha ùidh aig a h-uile duine ann a fhaighinn a-mach mar a tha am pàrlamaid ag obair agus mar a tha e comasach a bhi an sàs ann an obair aig a’ Phàrlamaid agus na BPA aca. Chòrd na bùithtean-obrach ris na riochdairean cuideachd. Seo earrann bhon measadh (sa Bheurla):

Issues / Themes Raised During Workshops

Scottish Parliament Twitter account has 9000 followers and tweets between 5-8 times per day.
Content ranges from business, events, questions, calls for evidence

Image © Scottish Parliamentary Corporate Body – 2012.
Licensed under the Open Scottish Parliament Licence v1.0 

.
Nearly all MSPs have a website, approx. 94% use twitter and facebook. It enables them to engage with the community. They tend to use Twitter more informally and Facebook for reporting more community based activities.

Many MSPs will “retweet” and this can be used by charities to reach more followers.

Twitter.com/ScotParl
Twitter.com/SP_LocalGovt
Twitter.com/parlalba
Twitter.com/Jamie_Wallace
Tweetfeed can be used to manage blogs, Facebook and twitter
Tweetreach can be used to monitor activity in response to your tweet
www.google.com/alerts using keywords reports can be generated and emailed to you.

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑