Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

Mod naiseanta

@CelticStudents Launch – Cur air bhog @CelticStudents

Seo dealbhan a thog mi an-diugh agus an-dè aig a’ Mhòd Nàiseanta. Tha dealban ann air vur air bhog de Chomunn Oileanaich Cheiltis agus cuideachd de tadhal de Phàislig le Bana-phrìonnsa Anna.

@CelticStudents Launch – Cur air bhog @CelticStudents.

slighe @CelticStudents Launch – Cur air bhog @CelticStudents.

Invitation to the Launch of the Association of Celtic Students | Cuireadh don Chur air Bhog de Chomann Oileanaich Cheiltis na h-Èireann agus Bhreatainn

 

Comann Oileanaich Cheiltis

Invitation to the Launch of the Association of Celtic Students | Cuireadh don Chur air Bhog de Chomann Oileanaich Cheiltis na h-Èireann agus Bhreatainn.

slighe Invitation to the Launch of the Association of Celtic Students | Cuireadh don Chur air Bhog de Chomann Oileanaich Cheiltis na h-Èireann agus Bhreatainn.

Tha Beurla aig An Comunn Gàidhealach

modO chionn 2009, rinn mi beagan obair is rannsachadh pearsanta air Mòd Nàiseanta na h-Alba. Thòisich mi iomairt am Mòd Nàiseanta a ghluasad gu Glaschu ann an 2015. An uair sin, ann an 2011, bha mi nam stiùbhard ann an Steòrnabhagh agus an uiridh rinn mi gearain mun dìth de chleachdadh na Gàidhlig air an làrach-lìn Dhùn Obhainn. Am bliadhna, ann am Pàislig, tha mi ag obair saor thoileach aig stannd a chur comann oileanaich ùra air adhart.


Chaidh mi air loidhne airson barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn mus tèid mi an sin a-màireach. Cha d’ fhuair mi am fiosrachadh seo a bha feum agam sa Gàidhlig agus cha robh mi toilichte nach robh mòran susbaint Gàidhlig ri fhaicinn nuair a chleachd mi am putan ‘Gàidhlig’.

Tha mi fhathast nam bheachd gum bu choir dhuinn Gàidhlig a’ cleachdadh aig gach ìre agus anns a’ chiad dol-a-mach nuair a tha sinn ag obair às leth cuisean Gàidhlig – dìreach mar a tha Kylie ag ràdh aig Oilthigh Ghlaschu – agus gu h-àraidh nuair am faighinn buidhnean airgead poblach airson sin a dhèanamh.

Nì mo dhìcheall a bhith cuspaireach, gu h-àraidh às dèidh eòlas fìor mhath anns a’ Chuimrigh am bliadhna aig an Eisteddfod far an robh a h-uile rud sgrìobhte sa Chuimris (agus uaireannan ann am Beurla cuideachd); agus far an robh a’ mhòr chuid na daoine a’ bruidhinn dìreach sa Chuimris le chèile. Bidh mi a’ dèanamh coimeas gun teagamh air sgàth gu bheil an Eisteddfod deagh thachartas/fhèis sin a dhèanamh.

taisbeanadh

Tha Beurla aig An Comann Gàidhealach. Bha e furasta gu leòr ‘mod naiseanta’ a lorg agus nuair a rinn mi sin, bha e gu math soilleir nach eil Gàidhlig a’ phrìomh cànan (sgrìobhte) aig a’ Mhòd. Tha e cudromach gu bheil atharrachadh mòr a thaobh an cultur-obrach seo agus feumaidh An Comunn Gàidhealach Gàidhlig chleachdadh air loidhne agus dèan cinnteach gu bheil e follaiseach. Bha e math ri fhaicinn gu bheil Gàidhlig aig Mòd Phàislig ge-tà.

Rù-rà. Tha e math ri fhaicinn gu bheil An Comunn Gàidhealach a’ cleachdadh an eadar-lion, ach tha trì seòlaidhean ann: Acgmod.org, ancommun.co.uk, modphaislig.org. Chan eil sin a’ coimhead glè mhath. Carson a tha dà làrach-lìn ann airson an aon tachartas? Tha e ag innse dhomh gu bheil sgaraidhean ann, agus tha fios agam bho eòlas, gur e fad nas fhèarr a bhith ag obair le chèile airson mòran cothroman a chruthachadh agus leasachadh. Bhiodh e fad nas fhèarr ma bhios dìreach aon làrach-lìn aig An Comunn Gàidhealach. Bu chòir do am prìomh-àras a chur taic chun na buidnean eile. Tha mòran cothroman ann airson structar ùra, obraichean ùra a chruthachadh.

Fiosrachadh eile a dh’ionnsaich mi. Tha e soilleir gum bi am Mòd air BBC Alba – Diluain aig 10f. A-rithist, bhiodh e fad nas fhèarr nam bhiodh am BBC a’ cleachdadh Gàidhlig sa chiad dol-a-mach gu h-àraidh nuair a tha e comasach a dhèanamh lorg air loidhne. Tha e soilleir cuideachd gu bheil mòran ùidh a thaobh am Mòd an-uiridh – agus air an taobh eile tha e follaiseach, ‘s dòcha, nach eil mòran gnìomhachd a thaobh Mòd Phàislig am-bliadhna. Tha sin ag innse dhomh nach robh mòran obair air dhèanamh a chur an tachartas seo air dòigh chun a’ phoblach air loidhne.

1 Lorg 1.1 Lorg

Cà bheil Gàidhlig aig a’ Mhòid Nàiseanta Rioghail 2012 ann an Dùn Omhain?

 Chunnaic mi ceist air Facebook sa mhadainn a dh’fhaighneachd mi an-uiridh aig àm na Mòd ann an Steòrnabhagh agus chuir mi e a-mach a-rithist an-diugh:

Have you seen the logo for the Royal National Mòd in Dunoon 2012? Am faca tu an dealbh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rioghail ann an Dùn Omhain 2012?

Chan eil ach 2 duine ga faicinn! Agus thuirt tè eile: “Chunnaic mi an Logo. Ciamar a litrich tu ‘Earra Gaidheal’ a-rithist?” Freagairt mi: “Le a sràc?” Agus thug mi freagairt air ais nach robh ‘h’ ann cuideachd! Faic seo:

“Earra Ghaideal” an àite “Earra Ghàidheal”
Ach as-dèidh sin, lorg mi airson làrach-lìn. Agus tha fear ann! Cha b’ urrainn dhomh tuigsinn carson nach eil obair a chuir an làrach-lìn air adhart. Ach an uair sin, bha mi nam bheachd-sa nach robh e rud dona air sgàth nach robh ach aon duilleag sa Ghàidhlig air an làrach-lìn. Chleachd an comataidh buidheann gun eòlas ann an làrach-lìn da-chànanach. ‘S fheudar dhomh faighneachd carson!
Mar buail, sgrìobh mi Tweet agus sgrìobh mi post-dealain chun an rùnaire. Rinn mi lethbhreac na ceistean do Bhòrd na Gàidhlig cuideachd airson am beachd aca-san cuideachd. Tha mi a’ feitheamh an-drasda airson freagairtean air ais.

Chuir mi drannd air Twitter

Is it good enough to have only 1 page of on the DunoonMòd2012 official site? Comments to the secretary

Litir don a’ Mhòid 

A charaid chòir,

Chunnaic mi an làrach-lìn agaibh an-diugh airson a’ chiad thuras agus tha mi mi-thoilichte leis.

cha robh ach aon duilleag ann an Gàidhlig, agus nach eil e soilleir gu bheil e ann. ‘S e dìreach ceangal a th’ ann!

Thagh sibh “Pam Forsyth Web Design” a dhèanamh an làrach-lìn agaibh. Thug mi sùil air an cùram-roinne aig am buidheann seo, agus chan fhaca mi aon làrach-lìn a bha ann an Gàidhlig no a bha dèante ann an dòigh da-chànanach.

  1. Carson a rogh sibh am buidheann seo o chionn buidheann aig a bheil Gàidhlig?
  2. Carson nach robh làrach-lìn da-chànanach pàirt na cùmhnant eadar sibhse agus “Pam Forsyth Web Design”?
  3. Nach eil poileasaidh dà-chànanach no poileasaidh Gàidhlig aig Dunoon Mod 2012?
  4. A bheil ùidh aig Dunoon Mod 2012 a chur Gàidhlig air adhart no a bheil ùidh ann dìreach a’ chùmail a’ dol a’ Mhòd ann an dòigh Beurla?

Tha mi a’ gabhail sùil air adhart airson freagairt bhuatsa.

Le deagh dhùrachdan,

Seumaidh

Ag obair saor-thoilich aig a Mhod

Bha mi ag obair aig a’ Mhod ann an Steornabhagh an-de airson a’ chiad latha na co-fharpaisean. Thoisich mi obair mar stiubhard fo Iain Norman trath sa mhadainn aig 8.30.

Ro-laimh sin, dhuisg mi aig 7.15m, leum mi a-mach as an leapaidh agam aig Hebhostel agus fhras mi. An uair sin, ghabh mi bracaist nam aonar (air sgath gun do dh’fhag triur eile, co bha san aon seomar agamsa, nas traithe. Bha mi a bhruidhinn le Tearleach. Bha e suas air an rothair aige agus rinn e turas na eileanan air a rhothair. Thuirt e gun robh e ann an tubaist faisg air na Heardh. Bha gaoth laidir air a lifted him up off the road nuair a bha e air a rhomhair!). Chaidh mi dhan chadal as deidh latha na suibhal fada mu 11.30f. Chunnaic mi deireadh nan oraidean aig oidhche fhosgailte san Lanntair. Chunnaic mi aon no dha dhuine ann a tha eolas orm bho an t-am nuair a bha mi suas airson Sgoil Shamhraidh mu 6/8 seachdain air ais.

Mar a bha mi ag radh, thoisich mi aig 8.30m. Chuir Iain Norman (ard-stiubhard) failte orm agus an uair sin rinn Iain MacArthur (neach-stiuiriche son luchd-obrach sair-thoilich) an aon rud. Rinn mi ceilidh comhla ri Annie is te eile co bha tidsear Ghaidhlig nuair a bha I ag obair. Fhuair mi bogsa programmaichean agus bha mi ag obair aig doras an talla, beagan mar bounsair! Bha mi air chuideachadh leis an cashing-up cuideachd. Tha cuimhne agam air na ceicaichean blasta, deante aig an taigh tha mi cinnteach, comhla ris an teatha is cofaidh. Bha sinnse looked after gle mhath! Fhuair sinn baga bhiadh son lon cuideachd agus cuairt eile na ceiceachan is teatha. Bha mi ag obair aig na dorsan gus 4.30f.

As deidh sinn, chaidh mi a dheanamh check-in aig am Bridge Centre agus cgaidh mi dgan Coop cuideachd son dinear. Choimhead mi X Factor air an telebhision son a’ chiad am agus nuair a chrioch e chaidh mi don cheilidh far an do chluich Face the West. Bha mi bruidhinn ri Murdo ann agus ri dithis eile bho buidheann stiuiriche na Mod ann am Paislig. Bha mi air falbh as deidh 4 magners aig 12m.

Dh’fhag mi am Bridge Centre beafan as deidh 12f Didomhnaich. Bha mi a’ bruidhinn ru Ellie Evans as a Chumraidh ach co tha a’ fuirich ann an Dun Eideann is co tha a’ deanamh ceum ann an ceol tradiseanta aig Conservatoire na h-Alba ann an Glaschu. Bhuannaich i trophy air Diciadain cuideachd son a’ cluich am fidhle. Bidh i a’ cluich an clarsach Diciadain sa tighinn ann am farpais eile.

Thillidh mi dachaigh mu 11f a-nochd as deidh bata-aiseag is 3 busaichean.

Chord rium gu leir an dmeireadh seachdain seo. Bha eolas math is inntineach dhomh.











Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑