Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

Gnothachas

#Gàidhlig agus Bancadh anns an RA

Ged a tha e math gu bheil ùidh aig daoine eile ann an cuisean na Gàidhlig eile mar fhoghlam, tha ùidh agamsa ann an cleachdadh na Gàidhlig ann an gnothachas agus gnìomhachais.

Tha cleachdadh na Gàidhlig ann am bancadh a’ fas nas miosa. Mar eisimpleir, chan eil e comasach Gàidhlig a cleachdadh air na seirbheisean air loidhne aca. Tha an aon rud a’ tachairt anns a’ Chuimrigh.

Tha seo a’ leantainn bho litir a sgrìobh mi don Choimisean Mhic a’ Ghobhainn.

Seo litir a sgrìobh mi an-diugh don Bhall Pàrlamaid agam:

Dear Stewart McDonald MP,

I would like to point your attention to this statement from the Welsh
Language Commissioner in May as it follows on from our conversation
earlier last month in Pollokshaws Library:

http://www.comisiynyddygymraeg.cymru/english/news/Pages/Following-a-decline,-Commissioner-recommends-a-way-ahead-for-banks.aspx

The Scottish Parliament, as you are aware, does not have full power
over banking and finance which is why I am bringing this to your
attention.

Could you have a read of the report as it will give an understanding or
at least a starting point of how banks can ensure Welsh language use
across their branches; and equally an understanding of how the same
could be replicated in Scotland to ensure Scottish Gaelic is promoted
and given equal parity with English and Welsh.

As you may already be aware, after discussions I had with your
predecessor, Tom Harris, he helped to bring about similar awareness a
couple of years ago in an Early Day Motion brought to the House on St
David’s Day.

For too long Westminster has passed over Gaelic language policy and
always refers the language to the Scottish Parliament. However, the
Scottish Parliament can only legislate on devolved issues.

As Gaelic is more than a language and a way of existing/being/living
across the UK (and beyond), it is only too right that the Gaelic
language (and all other indigenous languages of the UK) be considered
at all stages of legislating in Westminster, especially when dealing
with non-devolved issues.

Yours sincerely,

Jamie Wallace

9721bf51f1b4f3ca20e3/ef0d3608d0d1137fa284
(Signed with an electronic signature in accordance with subsection 7(3)
of the Electronic Communications Act 2000.)

Òraid aig a’ Phàrlamaid: Luach nam Meadhanan Sòisealta anns a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig

Rinn mi taisbeanadh an-diugh aig a’ Phàrlamaid mu “Luach nam Meadhanan Sòisealta anns a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig”. Bha mi airson na h-òraid seo a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig ach bha duilgheadasan ann leis an inneal eadar-theangachaidh mar aon. Mar sin, seo dè bha mi airson ag ràdh – anns a’ Ghàidhlig:

Screenshot 2014-11-26 23.34.39

Feasgar math a h-uile duine. Mòran taing airson an cothrom seo a bhruidhinn air luach nam meadhanan sòisealta anns a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig. Bidh mi a’ tòiseachadh le beagan cùl-fhiosrachadh agus an uair sin bruidhnidh mi beagan air Là Twitter na Gàidhlig agus air cothrom rannsachaidh mus an tèid mi gu co-dhùnadh.

Screenshot 2014-11-26 23.04.18

Tha mi toilichte a ràdh gu bheil mòran buidhnean na Gàidhlig an-diugh ann an comais le deich bliadhna air ais, fiù ’s sia bliadhna air ais nuair a thòisich mi Gàidhlig a dh’ionnsachadh.

An-diugh tha timcheall air dà fhichead buidhnean leasachaidh na Gàidhlig anns an roinn phoblach. Tha iad na buidhnean aig a bheil ùghdarras laghail, buidhnean aig a bheil dleastanas traidiseanta; agus buidhnean aig a bheil dleastanas ùra. Ged a tha mòran buidhnean anns an seòrsa seo, anns an fharsaingeachd chan eil iad a’ cleachdadh Gàidhlig gu tric air loidhne; agus chan eil mòran buidhnean a’ cleachdadh na meadhanan sòisealta, mar Twitter, gu tric ann an Gàidhlig. Aig tòiseach na bliadhna, cha robh ach dusan buidhnean na Gàidhlig a’ cleachdadh Gàidhlig gu tric air Twitter is Facebook (MG Alba, Bòrd na Gàidhlig, Pàrlamaid na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig UHI, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Comhairle nan Leabhraichean, Stòrlann, Acair Books, Pròiseact nan Ealan).

Tha buidhnean Gàidhlig eile a’ cleachdadh na meadhanan sòisealta ach chan eil iad a’ cleachdadh Gàidhlig cho tric no fiù ’s idir. Thòisich Comunn na Gàidhlig Twitter a chleachdadh am bliadhna, ach chan eil An Comann Gàidhealach a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta idir. Tha cunntasan Twitter is Facebook aig a’ Mhòd ge-tà. Tha na buidhnean leasachaidh traidiseanta eile na Gàidhlig a’ cleachdadh meadhanan sòisealta. Co-dhiù, ’s e argamaid a th’ ann gum bu chòir dhaibh meadhanan sòisealta a cleachdadh ann an sanasachd agus margaideachd a bhith buidhnean nas sòisealta agus nas càirdeil oir tha buaidh mhòr aca air coimhearsnachd na Gàidhlig agus na h-òigridh.

Screenshot 2014-11-26 23.04.25

Tha mi ag iarraidh bruidhinn beagan air an rannsachadh san raon gu ruige seo.

Cha deach mòran rannsachadh a sgrìobhadh air Gàidhlig ann an raon nam Meadhanan Sòisealta agus Mion-Chànain ach a-mhàin luchd-rannsachaidh bho MG Alba aig ìre gnothachais agus bho neach-rannsachaidh bho Oilthigh Cardiff (John Caulfield), neach-rannsachaidh anns na Stàitean (An t-Oll. Caomhain Scannell) agus mi-fhìn aig ìre acadaimigeach.

A thaobh rannsachadh eile air cleachdadh Twitter ann am mion-chànain, tha e soilleir gu gur e Cuimris an cànan as fhèarr anns an raoin gu ruige seo agus cuideachd gu bheil ùidh ann am Frìoslann agus Catalòinia rannsachadh air meadhanan sòisealta a dhèanamh agus mar sin gu bheil meudachd eadar-nàiseanta ann.

‘S e Dòmhnall Caimbeul is Eilean Green a rinn a’ chiad phàipear rannsachaidh far an robh fiosrachadh air cleachdadh na Gàidhlig anns na meadhanan sòisealta ann an 2013; agus an uair sin rinn mi-fhin pàipear air Twitter sa Gàidhlig airson co-labhairt ann an Aberystwyth agus rinn mi tràchdas air dè cho feumail a tha Twitter do bhuidhnean leasachaidh na Gàidhlig. San t-samhraidh thàinig pàipear a-mach bho Stockholm air cleachdadh nam meadhanan aig luchd-labhairt òga na Gàidhlig. Ach sin e. Chan d’ rinn duine sam bith rannsachadh ioma-chuimseach air cleachdadh nam meadhanan sòisealta air fad mar a rinn John Caulfield bliadhna air ais air Gàidhlig na h-Èirinn. Thuirt e aon rud gu math làidir ge-tà san rannsachadh aige. Thuirt e:

Chan eil Gàidhlig làitheil air-loidhne ach gu h-ainneamh….a rèir siostam-rangachaidh UNESCO, tha Gàidhlig ‘fleòdrach’.

Screenshot 2014-11-26 23.04.27

Ach chan eil rudan ro dhona. Tha fàs ann an cleachdadh na Gàidhlig air loidhne. Tha e soilleir bho rannsachadh aig Caoimhain Sgainneal gu bheil treand far a bheil mòran duine a’ cleachdadh Twitter le Gàidhlig agus gun robh mullach as t-samhradh de 2013 far an robh mu 150 (ceud sa leth-cheud) cunntasan air Twitter a’ cleachdadh Gàidhlig ann an seachdain agus a’ cuireadh a-mach mu 800 (ochd ceud) tuitichean – meudaich le 8000% (ochd mìle às a’ cheud) o chionn 2009.

Thathar a’ faicinn gu bheil eadar an t-Iuchar 2012 agus 2014 bha àrdachadh de 43% (chòrr is dà fhichead) de chunntasan Twitter (às a’ cheud) a’ cleachdadh Gàidhlig cuideachd. ‘S e àireamh gu math àrd agus ‘s e fianais a-rithist gu bheil ùidh a’ fàs Twitter agus nam meadhanan sòisealta a chleachdadh san t-saoghal Gàidhlig. Tha mi a’ creidsinn gu bheil seo fianais gu bheil Twitter a’ fàs luachmhòr do bhuidhnean leasachaidh na Gàidhlig oir tha coimhearsnachd Gàidhlig an sin a’ lìonrachadh.

Screenshot 2014-11-26 23.04.28

Chaidh tachartasan sònraichte a chuir air dòigh mar thràth gus Gàidhlig agus nam meadhanan sòisealta a bhrosnachadh. Seo ochd tachartasan deug (18) a rinn mi fhèin (Seumaidh Uallas, Glasgow’s Gaelic Meetup agus Social Media Alba) is buidnean phoblach (Pàrlamaid na h-Alba, MG Alba (RnanG, FilmG), Oilthigh Ghlaschu, SMO agus Comann Oileanaich na Cheiltis na h-Èirinn agus Breatainn.

Screenshot 2014-11-26 23.04.30

Screenshot 2014-11-26 23.04.31

Tha tachartasan agus nam meadhanan sòisealta a’ dol le chèile glè mhath – ann an cànan sam bith. Tha mi an dòchas gum bi buidnean leasachaidh na Gàidhlig a tha a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta mar-thràth deònach a-nis gus Gàidhlig a chleachdadh agus gus a’ Ghàidhlig a sgaoileadh anns na liònrachaidhean aca-fhèin. Dìreach mar a rinn mi sa Chèitean le Latha Twitter na Gàidhlig còmhla ri buidhnean leasachaidh na Gàidhlig agus buidhnean aig nach robh an sàs anns a’ Ghàidhlig mar Comunn Ball-Coise na h-Alba.

Screenshot 2014-11-26 23.04.33

Seo na toraidhean air an sgrìon.

Bha mi glè thoilichte leis an latha agus tha mi glè thaingeil do gach neach is buidheann a bha an sàs air an latha agus aig an ìre planadh. Bha e gu shònraichte math tuit sa Ghàidhlig fhaicinn air an latha siud bhon a’ Phrìomh mhinistear! Bha faisg air ceithir mìle tuitaichean air an latha siud. An-diugh, tha fàs cuideachad ann an cleachdadh an taga-hais Gàidhlig gu 50-60 tuitaichean ann an dà latha an àite 30 tuitaichean ann an seachdain mar a bha e ro Là Twitter na Gàidhlig.

Rinn BBC Alba glè mhath air an latha cuideachd – bha altan air an reidio is telebhisean, agus tha duilleag air an làrach-lìn aca fhathast le aithris eadar-nàiseanta.

A dhol air adhart don ath Là Twitter na Gàidhlig, seo na h-amasan a th’ agam – bu toil leam àireamhan nas fhèarr faicinn, bhiodh e math airson gach buidheann leasachaidh na Gàidhlig a bhith an sàs gus an fhacail a sgaoileadh agus am bliadhna bu toil leam mòran ùidh fhaicinn bho chompanaidhean prìomhadeach.

Screenshot 2014-11-26 23.04.35

‘S ann am muinntir a tha luach. Tha cleachdadh na meadheanan sòisealta a’ fàs gach bliadhna.

‘S ann am buidhnean leasachaidh a tha cumhachd. Tha fios agam nan sgrìobhadh gach buidheann leasachaidh na Gàidhlig anns a’ Ghàidhlig bho àm gu àm, ma bhios ro-innleachd aca sin a dhèanamh, ann an tuit no post air Facebook bhiodh mòran ùidh ann an Gàidhlig agus bhiodh mòran duine taobh a-muigh a’ chànan mothachail air a’ Ghàidhlig. Ach bhiodh e math rannsachadh dhèanamh mar fianais.

‘S ann an co-obraichean eadar-nàiseanta a tha cothroman. ’S e cànan eadar-nàiseanta a th’ anns a’ Ghàidhlig. Bhiodh e math airson sgioba rannsachaidh na Gàidhlig a bhith ag obair còmhla ri sgioba ann an Alba Nuadh agus còmhla ri luchd-rannsachaidh na Cuimris agus mion-chànain eile airson sgrùdadh a dhèanamh gus tuigse nas fhèarr fhaighinn mu dheidhinn càirdeas eadar na meadhanan sòisealta agus Gàidhlig an-diugh.

‘S ann an rannsachadh a tha luach.

‘S ann am Meadhanan Sòisealta a tha luach airson coimhearsnachd agus gnòthachas.

Screenshot 2014-11-26 23.04.37

A bheil luach ann am meadhanan sòisealta do bhuidhnean leasachaidh na Gàidhlig?

Chanainn gu bheil luach do bhuidhnean leasachaidh na Gàidhlig oir tha Gàidhlig na pàirt de choimhearsnachd na h-Alba aig ìre nàiseanta far a bheil mòran co-fharpais airson goireasan agus mar sin co-fharpais eadar buidhnean Gàidhlig fhèin. Tro na buinn-stèidh aca, tha cumhachd aig buidhnean Gàidhlig a bhith co-fharpaiseil agus cuideachd a bhith ag obair le chèile nas fhaisge – gu h-àraidh an aghaidh bagairtean mar seirbheisean agus goireasan ann am Beurla. Gus sin a dhèanamh, bu chòir do bhuidhnean Gàidhlig taic a tharraing bho dhaoine agus coimhearsnachdan dìreach mar an coimhearsnachd air-loidhne. Ach gu ruige seo, chan eil tuigse mhath air nan coimhearsnachdan sòisealta air loidhne agus tha feum ann airson rannsachadh na Gàidhlig a dhèanamh aig an aon ìre mar A social network analysis of Irish language use in Social Media le Paul Caulfield.

Tha Gàidhlig fhathast fo bhagairt agus tha meadhanan sòisealta feumail mar inneal gus a’ chànan beò a chumail agus gus ùidh a chumail anns a’ chànain leis a’ ghinealach nas òige. Tha mi a’ tuigsinn nach eil sgilean teicneòlas aig gach neach anns na buidnean leasachaidh na Gàidhlig. ach tha meadhanan sòisealta luachmhòr oir tha iad a’ toirt cothrom a choimhead air cleachdadh de poileasaidhean cànain a-rithist a tha stèidhichte air teòirigean na 20mh linn agus bu chòir do bhuidhnean Gàidhlig a bhith fosgailte do theòirigean agus dòighean ùra na 21mh linn a tha ag obair ann an dòigh eadar-chuspaireil gus Gàidhlig a thoirt air adhart. Tha e a’ toirt cothrom do bhuidhnean gus luchd-obrach nas òige aig a bheil sgilean teicneolas ann am meadhanan sòisealta fhastadh cuideachd.

’S e innealan luachmhòr a th’ ann am meadhanan sòisealta do bhuidhnean Gàidhlig agus am bùird fiosrachadh a chumail ann an cùisean Gàidhlig aig ìre freumhan a’ choimhearsnachd. Airson luchd-planaidh na Gàidhlig, ’s e inneal feumail a th’ ann Gàidhlig a thomhais agus ann an comais le mion-chànain eile mar Cuimris, Gàidhlig na h-Èirinn agus Frìoslannais. Ach nas cudromaiche, dhomhsa, ’s e gu bheil nam meadhanan sòisealta na innealan conaltraidh math gus drochaid a chruthachadh eadar an ginealach nas òige agus an ginealach nas aosta de luchd-labhairt na Gàidhlig.

Dè cho luachmhòr ’s a tha nam Meadhanan Sòisealta? Uill, tha sin an eisimeil air mothachadh dhaoine agus ciamar a tha daoine ga cleachdadh – dìreach mar Gàidhlig fhèin.

Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.

Suas ↑