Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

Glasgow

Margaid eile an-diugh ann am Pollagshaws #gàidhlig #margaid #margadh #Glaschu

Chaidh mi dhan margaid eile an-diugh faisg air Morrisons ann an Rathad Newlandsfield ann an togladh ùr aig Comman Ballcoise Phollag.

Bha am margadh seo a chuir air dòigh le “Smack Ma Pitch Up” (Cuir Mo Phiots Air).


Seo neach-obrach aig Smack Ma Pitch Up a’ cluich le ropa agus ball. Bha carthannas ann cuideachd aig an doras.

Chaidh mi a-steach agus bhruidhinn mi dithis – bha iad na luchd-ealain. Bha fear ann cuideachd bho an-dè (Chris Masson às an Gearasdan). ‘S e tidsear a th’ ann an tè eile, Linda Gillon, agus bha i ag innse dhomh nuair a bha i naoi bliadhna dh’aois, bhuannaich i co-fharpais ealain thar na sgoiltean ann an Glaschu gus tachartas sònraichte a chuimhneachadh (Glasgow 900).

A’ chiad cothrom-reic aig Linda Gillon:


Chris Masson Creates: 
Tùs: https://www.facebook.com/chrismassoncreates/posts/502759043220391:0

Tha e math, chan eil, tha e air leth, gu bheil mòran margaidean pop-up mar sin a’ tachairt gu tric. Comharradh ’s dòcha gu bheil misneach a’ fàs ann an sgìrean far nach robh cus cothroman a dhèanamh sion sam bith.

Là Dubh Ghlaschu ’s na h-Alba – Tubaist-heileacoptair ann an Glaschu aig an Taigh-Osda #Clutha

IMG_0084

Prìomh Mhinisteir: “‘S e latha dubh a th’ ann airson Glaschu agus Alba.”

la-dubh copy

Bha tubaist-heileacoptair ann an Glaschu aig an Taigh-Osda ‘Clutha’ a-raoir.

Chan fhaca mi a leithid. Tha mo ghuth is mo ghuidhe leis a h-uile duine an sàs.

Taighe-seinnse na Pairce

Sgrìobh mi breithneachadh air Taigh-Òsta na Pairce ann am Partaig airson co-fharpais Famous Grouse aig ‘The Telegraph’:

http://www.telegraph.co.uk/sponsored/foodanddrink/top-100-famous-pubs/8665347/Park-Bar-Glasgow.html

Tha mi a’ smaontinn gu bheil e deagh fhollaiseadh airson Farpais-cheist taigh-seinnse sa Ghàidhlig ann an Glaschu.

Tha Meetup Ghàidhlig Ghlaschu agus Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu ag amas air farpais-cheist a chumail an treas Diciadain gach mìos.

Tha an ath fharpais-cheist Oidhche Chiadain 17mh Lùnastal aig 1930. Tha e cosg £2 gach neach a bhith an sàs.

Bhuannaich an sgioba agam aig an fharpais cheist mu dheireadh 🙂 Seo dealbh:

Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.

Suas ↑