Provinsjehûs Fryslân / Provinciehuis Friesland (Tùs: Provincie Fryslân)

 

Pàrlamaid na Frìoslann – Co-fharpais Aithris (Tachartas Là Twitter na Frìoslannais)

Bidh mi nam aoigh aig co-fharpais aithris anns a’ Phàrlamaid an seo a-nochd. ‘S e tachartas a th’ ann a tha pàirt dhen phrògram airson Latha Twitter na Frìoslannais a-màireach – 17.04.14 far am bi duine air feadh Frìoslann a’ dol gu Twitter gus pàirt a gabhail ann an còmhradh nas motha ann am Frìoslannais. Tha iad a’ cleachdadh an taga-hais #Frysk sin a dhèanamh. Tha mi air a bhith ag ionnsachadh abairt no dhà ann am Frìoslannais, ach tha dùil agam cuideachd a bhith a’ toirt abairt no dhà sa Ghàidhlig thuca cuideachd! Bhiodh sin mìorbhaileach!

Tha an cànan seo beagan mar Albais agus ’s e prìomh chànan a bh’ ann an seo gus deireadh an 16mh linn (1598) nuair a thionndaidh cànan na stàit bho Fhrìoslannais gu Duitseach. Ach fiù ’s an-diugh, tha dualchas beairteach an seo a thaobh litreachas na Frìoslannais, agus tha e soilleir dhomh gu bheil na daoine an seo glè mhoiteil air an dualchas litreachas aca.

Abe Brouwer, bàrd is sgrìobhadair (18.09.1901 – 18.03.1985)

Abe Brouwer
Abe Brouwer

Tha sgeulachd beag agam, air an cuspair seo, bhon tùras mu dheireadh a bha mi ann am Friesland. Bha mi ann son a’ chiad thuras an-uiridh, san t-Sultain, agus bha mi glè fhortanach a bhith a’ fuireach anns an aon àite-fuirich mar Marieke Brouwer à Franeker, ’s e nighean-mhic Abe Brouwer a th’ innte.

‘S e bàrd ainmeal a th’ ann an Abe agus chaidh film a dhèanamh air a’ chiad nobhail aige “De Gouden Swipe” (a‘ Chuip òir) a bha air foillseachadh ann an 1941.

‘S e co-là breith aige san t-Sultain agus bha Marieke a’ dol dhachaigh gus cèilidh a dhèanamh air a teaghleach ann am Franeker. Tha i a’ fuireach faisg air Amsterdam an-diugh. ‘S e tè snog a th’ innte agus tha sinn a’ cumail ann an touch.

Sgrìobh Abe nobhailean, bàrdachd agus rosg eile. Rinn e mòran airson a’ chànain. Tha piòs air Wikipedia cuideachd mu a dheidhinn.

Nobhail le Abe Brouwer
Bho nobhail le Abe Brouwer

Sgioba Latha Twitter #Frysk

Tha mi a’ creidsinn gum bi Diardaoin an darna no treas Là Twitter ann am Frìoslann. Bidh mi an sàs anns an sgioba Twitter aig oifisean Afûk ann an Leeuwarden gus sùil a chumail air an taga-hais Frysk agus gus ath-thuitichean no retweets mar a chanas iad a dhèanamh. Tha mi cinnteach gum bi mi ag ionnsachadh bhon sgioba agus gum bi iad a thoirt deagh fhiosrachadh agus eolas thugam a thoir air ais gu Alba.

An uiridh rinn iad bhideo agus tha ùidh agam Vine a chleachdadh an turas seo. ‘S e inneal gu math ùr agamsa ach fheuch mi sin an-dè agus tha e gu math furasta a chleachdadh agus tha na fiomachean eile air an làrach lin gu math inntineach cuideachd. Tha iad na fiolmaichean glè ghoirid.

Cuideachd, an uiridh fhuair Afûk airgead a dhèanamh rannsachadh agus thàing sin gu chrioch ann am Màrt. Chaidh aithisg air sgrìobhadh sa phàipearean an seo agus bha ceann-naidheachd ann a leughadh: “Tha Twitter a’ cumail Frìoslannais beò”.

Nuair a tha daoine a’ faicinn Friòslannais ann an Tuit no post tha na cothroman nas fhearr a bhth a leantainn an còmhradh an am Frioslannais, agus mar sin cumail a chleachdadh an canan. Seo am priomh adhbhar a thòisich Praat Mar Fryske Twitterdei mar phroiseact. ‘S e cothrom a th’ ann air loidhne gus Frioslannais a chleachdadh. ‘S e iomairt glè mhath a th’ ann gu h-àraidh airson daoine nach eil mòran misneach an cànan a chleachdadh anns a’ chiad dol a-mach. A rèir Afûk, tha e fiù ’s nas fhearr nuair a tha riaghaltas, pàrlamaid is daoine ainmeil an sàs san latha gus misneach a thoirt agus a dh’fhàs dhan coimhearsnachd agus an cànan fhèin a bhrosnachadh.

Tha na meadhanan sòisealta cudromach an seo

‘S e subhachas a th’ ann am Fryske Twitterdei de chànan agus aithne-dearbh ann am meadhanan sòisealta. Tha an latha seo a’ toirt cothrom agus misneach do dhaoine a tha beagan  damacraich Frìoslannais a chleachdadh air meadhanan sòisealta gu h-àraidh nuair a chì iad gu bheil daoine ainmeil, companaidhean, riaghaltas agus pàrlamaid an sàs agus a’ gabhail pàirt san subhachasan.

Na h-òganaich agus rannsachadh ùr air cleachdadh de Fhrìoslannais air meadhanan sòisealta

Tha na meadhanan sòisealta rud mòr anns Na Tìrean Ìsle, mar a tha e ann an Alba, ach anns an sgìre seo – Frìoslann far a tha daoine a bruidhinn Frìoslnnais bho thùs, tha e nas cudromaiche. A rèir rannsachadh a rinn charaid agam, Lysbeth aig Fryske Akademy, tha ceithir fhichead sa h ochd deug as a cheud de oigridh a’ cleachdadh na meadhanan sòisealta (98%). Tha ceither fhichead sa sia as a cheud a’cleachdadh Facebook, Trì fichead sa sia deug as a cheud (76%) a’cleachdadh Twitter agus tha cithir fhichead sa coig deug as a cheud (95%) a’ cleachdadh Whats App.

Tha na h-oganaich a’ cleachdadh Frìoslannais air Twitter agus Facebook le fichead sa deich (30%) as a cheud de dhaoine òg agus leth-cheud as a cheud (50%) de oigridh a’ cleachdadh Whatsapp anns a Frìoslannais. Tha na h-oganaich a’cleachdadh Frioslannais air na meadhanan sòisealta nas motha na inbhiche eadar aois trichead and ceithread bliadhna dh’aois.

Là Twitter na Gàidhlig

Latha Twitter na Gàidhlig 01.05.2014
Latha Twitter na Gàidhlig 01.05.2014

Thèid Là Twitter na Gàidhlig air a’chiad latha dhen Chèitean – ann an dà sheachdain. Leugh mi an-dè gum bi Mike Ruiseal pàirt a ghabhail. Tha sin gu math cudromach gu h-àraidh air sgàth gu bheil dìreach ceithir laithean às dèidh ’s e Latha Eòrpa a th’ ann. Tha mi a’ creidsinn gu bheil e gu math samhlaichail, gu h-àraidh nuair a tha mi an seo a’ cuidicheadh an sgioba Twitter Frìoslannais.

Bidh Pàrlamaid na h-Alba agus Alba Aosmhor pàirt a gabhail cuideachd. Bidh Oilthigh Dhùn Èideinn, Lèirsinn agus Sabhal Mòr Ostaig an sàs agus chuala mi bho cuideigein ann an Kuala Lumpar, Malaysia ag ràdh gum bi esan an sàs cuideachd.

‘S e amas an latha seo airson taga hais Gàidhlig a bhith a’ treandadh. Tha mi an dòchas gum biodh sin comasach. ‘S e deagh dhòigh a th’ ann a dhèanamh mothachadh na Gàidhlig anns an àrainneachd Twitter.

Bhiodh e math airson a h-uile duine ag èisteachd pàirt a gabhail san latha seo – fiù ’s na daoine ag ràdh nach eil ùidh aca, aig deireadh an latha, ’s e subhachas na Gàidhlig a th’ ann agus rudeigin spòrs.

Làrach-lìn: http://lanagaidhlig.wordpress.com/ agus #Gàidhlig