Bha sin inntinneach a leughadh. Tha mi a’ dèanamh fiugair a-nis fiù ’s nas motha far am bi mi-fhèin an sin aig Seanadh na Cuimrigh.

Blog Pàrlamaid na h-Alba

Air ais anns an Ògmhios, chaidh na h-oifigearan leasachaidh Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba, Marc is Alasdair air turas dà latha airson ionnsachadh mu Sheanadh Nàiseanta na Cuimrigh ann an Caerdydd/Cardiff.

Bha sinn airson faighinn a-mach mu thòrr diofar rudan: foghlam, na meadhanan sòisealta, obair coimhearsnachd, eadar-theangachadh, eadar-mhìneachadh agus àite na Cuimris san t-Seanadh.

Thòisich an turas againn le turas gu Tŷ Hywel còmhla ri Mari Wyn Gooberman, Ceannard an Fhoghlaim anns an t-Seanadh. Fhuair an togalach seo ainm bho Hywel Dda, rìgh Cuimreach ainmeil san deicheimh linn a chòdaich (codified) laghan na Cuimrigh.

Ty Hywel, Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Tha seòmar sònraichte san togalach seo air a bheil Siambr Hywel (Seòmar Hywel). B’ e seo Seòmar Deasbaid an t-Seanaidh bho fhosgladh an t-Seanaidh ann an 1999 gu 2006 nuair a ghluais an Seòmar agus na comataidhean dhan dachaigh bhuan aca ann an togalach Y Senedd.

Nuair a ghluais…

View original post 224 facal eile