Tha tionndadh ùr de WordPress ri fhaighinn, 4.0. Uel, ag innse na fìrinn, on a sgaoil sinn a’ phacaid Ghàidhlig mu dheireadh air a shon (3.5.1) bha tionndaidhean eile dheth air tighinn a-mach ach cha robh tìde gu leòr againn a’ phacaid cànain ùrachadh, obair car toinnte a tha ann. Ach rinn sinn a’ chùis air airson 4.0 ’s e air ùr-thighinn. Tha iomadh gleus ùr ’na bhroinn agus gheibh sibh tuairisgeul mionaideach orra air a’ phrìomh-làrach aig WordPress.
A bharrachd air sin, bu toigh leinn ur n-aire a tharraing do làrach eile nach robh ann an turas mu dheireadh, ’s e sin iGàidhlig. Tha e ’na amas dha iGàidhlig fiosrachadh a sgaoileadh mu phrògraman is aplacaidean a tha ri làimh ann an Gàidhlig agus gheibhear stiùireadh mionaideach ann a thaobh stàladh is obrachadh nam prògraman sin. Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh!