Bidh mi a’ dol air safari rèile gach bliadhna eadar an Nollaig agus a’ bhliadhna ùr. Anns an 10 bliadhna mu dheireadh, chaidh mi dhan Chaisteal Nuadh gus am meatro a dhèanamh ann an aon latha, gu Sheffield gus na tramaichean fhaicinn, dhan Dùn gus an aon rathad-iarainn ghlèidhte ann an Èirinn a Tuath fhaicinn agus fiù ’s gu Eilean Wight airson a dhol air na trèanaichean ùra.
Am-bliadhna, bidh mi a’ dol gu Lunnainn. (Agus Southend on Sea cuideachd – ach fàgaidh mi sin airson bloga eile).
Tha rathaidean-iarainn ùra ann an Lunnainn a bu toil leam fhaicinn. Tha an loidhne ghoirid ùr gu Barking Riverside agus nas cudromaiche Crossrail no Loidhne Ealasaid. Tha mi cuideachd airson Rail Mail fhaicinn – an rathad-iarainn fo-thalamh a b’ àbhaist a bhith a’ giùlan post fo shràidean Lunnainn agus a tha air ath-fhosgladh do luchd-turais le cothrom aig luchd-subhail a dhol air an trèana a-nis airson a’ chiad turais riamh!
Tha sin uile glè mhath – ach tha mi cuideachd air dùbhlan a chur romham – sin a bhith a’ dol dhan a h-uile terminus rèile ann an Lunnainn ann an aon latha. Tha sinn uile eòlach air cuid aca – Paddington bhon mhathan, Fenchurch Street, Marylebone, Liverpool Street agus Kings Cross bho Monopoly, Kings Cross agus St Pancras bho Harry Potter – agus do mhuinntir Ghlaschu, ’s e Euston an stèisean a chleachdas sinn airson a dhol gu Lunnainn.
Sin stèiseanan gu leòr – ach tha barrachd ann. Uile gu lèir, tha 14 ann.
Seo mapa dhiubh (chan eil Mòorgate, an terminus as lugha san dealbh seo – ach tha e faisg air Liverpool Street).
Nis, tha e furasta gu leòr a dhol eadar gach stèisean air an tiùb – ach tha sin ro fhurasta dhomh. Tha mi airson a dhol eadorra uile air trèanaichean na lìonra-nàiseanta a-mhàin. Chan eil e cho furasta sin oir chaidh na diofar stèiseanan mòra a thogail le diofar chompanaidhean a bha a’ co-fharpais an aghaidh a chèile.
Gabhaidh e dèanamh, ach tha e a’ toirt ùine mhòr agus feumaidh tu tòrr thursan rèile a ghabhail!
Seo na riaghailtean a th’ agam:
- Trèanaichean na lìonra-nàiseanta a-mhàin
- Tha e ceart gu leòr coiseachd eadar stèiseanan a tha faisg air a chèile mur eil dòigh phractaigeach ann ri dhol eadar termini ann an dòigh sam bith eile.
Chuir mi seachad trì no ceithir làithean le glainne-mheudachaidh, mapa de rathaidean-iarainn Lunnainn agus pìos pàipeir a’ cnuasachadh air a’ phlana agus mu dheireadh thall, chruthaich mi plana a bha a’ gabhail a-steach gach stèisean. Cha robh e idir furasta, gu h-àraid le Stèiseanan Marylebone agus Paddington (airson a dhol eadar an dà stèisean, saoilidh mi gum biodh agad ri dhol gu Oxford is air ais!)
Seo am plana agam mu dheireadh thall.
Ma tha duine sam bith an sin mìon eòlach air rathaidean-iarainn Lunnainn – no ma nas fheàrr air logistics na tha mi fhèin – bu fhìor mhath leam do bheachdan a chluinntinn!
1 | Charing Cross |
2 | Waterloo East |
3 | London Bridge |
4 | Cannon Street |
London Bridge | |
5 | Blackfriars |
6 | St Pancras |
West Hampstead Thameslink – Coisich gu:: | |
West Hampstead | |
Willesden Junction | |
Wembley Central – Coisich gu: | |
Wembley Stadium | |
7 | Marylebone |
Wembley Stadium | |
Wembley Central | |
8 | Euston |
Watford Junction | |
St Albans Abbey – Coisich gu: | |
St Albans City | |
St Pancras | |
Finsbury Park | |
9 | Kings Cross |
Finsbury Park | |
10 | Moorgate |
Highbury and Islington | |
Hackney Central – Coisich gu: | |
Hackney Down | |
11 | Liverpool Street |
12 | Paddington |
Farringdon | |
Herne Hill | |
13 | Victoria |
Herne Hill | |
Liverpool Street | |
Romford | |
Upminster | |
14 | Fenchurch Street |
Chan eil mi buileach cinnteach an gabh na tursan rèile seo uile a dhèanamh ann an aon latha ge-tà – eil beachd sam bith agaibh?
Alasdair