Prìomh-Dhuilleag
Mu Uicipeid
|
Taic is Cobhair
|
Artagail taghta
Bha Tutankhamun 'na phàraoh ann an 18mh rìoghrachas na h-Èipheit. Bha e a’ riaghladh mu thuaiream eadar 1332 agus 1323 RC rè linn ann an eachdraidh na h-Èipheit air a bheil an Rìoghachd Ùr (no Linn na h-Impireachd Ùr uaireannan). On a chaidh a lorg, canar Rìgh Tut ris gu tric. Bha ainm tùsail, Tutankhaten, a’ ciallachadh "dealbh beò Aten agus tha Tutankhamun a’ ciallachadh "dealbh beò Amun". Ann an dealbh-sgrìobhadh na h-Èipheite, sgrìobhar ainm mar Amen-tut-ankh a ghnàth an cois gnàthas an luchd-sgrìobhaidh a chuireadh ainm dè aig toiseach abairt mar urram dhan dia. Dh'fhaoidte gur esan an neach air a bheil Nibhurrereya ann an litrichean Amarna agus tha deagh-choltas gur esan Rìgh Rathotis 18mh rìoghrachas na h-Èipheit a bha a’ riaghlaidh, a-rèir an eachdraidhe Manetho, fad naoidh bliadhna, faid a tha a-rèir an tionndaidh dhen Epitome aig Manetho a sgrìobh Flavius Josephus. Chaidh tuama Tutankhamun a lorg le Howard Carter agus Iarla Chaernarfon ann an 1922 agus leis gun robh e cha mhòr gun mhilleadh, ’s e naidheachd mhòr a bha ann air feadh an t-saoghail. Dhùisg e ùidh am measg nan daoine san Èipheit àrsaidh a-rithist agus tha aghaidh-choimheach Tutankhamun (ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh na h-Èipheit) ainmeil air feadh an t-saoghail fhathast. Chaidh buill-ealain às an tuam a thaisbeanadh dhan phoball air feadh an t-saoghail thairis air na bliadhnaichean. Chaidh rannsachadh DNA a dhèanamh air agus sheall an rannsachadh sa Ghearran 2010 gur esan mac Akhenaten (mumaidh KV55). Bu mhumaidh KV35YL (is chan eil fhios dè an t-ainm a bha oirre) an dà chuid piuthair agus bean Akhenaten. A dh’aindeoin sin, tha cinnt gur ise am mumaidh air a bheil a’ Bhaintighearna Òg a chaidh a lorg san tuama KV35. A chionn ’s gun do chaochail grunnan dhe na daoine a rannsaich tuama Tutankhamun air dòigh caran "annasach", tha cuid am measg an t-sluaigh dhen bheachd gun do chaochail iad ri linn mallachd nam phàraoh. ...leugh an corr
|
San latha an-diugh
'S e 27 an t-Ògmhios an 178mh latha dhen bhliadhna.
An robh fhios agaibh?
B' e bàrd Gàidhlig agus pìobaire a bh' ann an Iain Eairdsidh MacAsgaill no Bàrd Bheàrnaraigh (19 Gearran 1898 — 4 Ògmhios 1934). B' ann à Beàrnaraigh na Hearadh a bha e. B' e mac Dhòmhnaill MhicAsgaill agus Anna Mhoireasdan a bh' ann. Bha piuthar aige, Effie. Bha aon bhràthair, Alexander, aige a chaidh ainmeachadh air a chlach-uaighe. Chaidh e do Sgoil Bheàrnaraigh eadar 1903 agus 1912. Ann an 1911, bha e agus a phiuthar Effie a' fuireach còmhla ri pàrantan am màthar, Calum agus Effie Moireasdan aig Croit 3, Borbh. Nuair a dh'fhàg e sgoil, thòisich e ag obair mar chìobair agus chuir e seachad bliadhna ag obair do Chalum MacLeòid aig Sandhill. Liostaig e sna Cameron Highlanders an uair sin. Anns a' Chiad Chogadh, b' e pìobaire a bh' ann agus còmhla ri pìobairean eile sheòl e an rathad a-steach dhan chath aig Loos, an Fhraing san t-Sultain 1915...leugh an corr |
Meta-Wiki Co-òrdanachadh a h-uile proiseact sna meadhanan "Wiki" |
Commons Coitcheann na h-Uicipeid |
Wiktionary Faclair (Gàidhlig) | |||
Wikibooks Leabhraichean is teacs saor an asgaidh |
Wikispecies Treòraiche ghnèithean beatha |
Uicitobar Leabharlann shaor an asgaidh (Gàidhlig) | |||
Wikiquote Cruinneachadh abairtean |
Wikinews Naidheachdan |
Wikiversity Stuth-ionnsachaidh saor an asgaidh |