Glaschu v Laighin – Bliadhna air leth dhan #WarriorNation

Uill, abair seasan a th’air a bhith aig na Glasgow Warriors agus is iad a tha araidh air! Tha e a-nis direach dà latha gus am bi iad a cluich Laighin anns a chuairt dheireannach den lÌog RaboDirect Pro12 am bliadhna ‘s a. Leis gum bi mi a bruidhinn mu dheidhinn an sgioba as fhearr leam cha mhòr gun sguir bha mi smaoinntinn gum bu choir dhomh innse beagan mun t-slighe aca chun an geama air an 31mh latha den Cheitein.

Toisichidh mi aig an toiseach, a chiad geama an aghaidh na Cardiff Blues, bha mise ann mar phairt den 5,052 luchd leanntainn aig Scotstoun far an do bhuannaich sinn 22-15, chan eil sin ro dhona airson a chiad geama air ais. Bhuannaich sinn an ath cheitheir geama againn as deidh agus gu cudromach dhuibh a-nis, bhuainnaich 12-6 an aghaidh Laighin. Bidh na cluicheadaran agus na coidsichean a-nis a coimhead air a gheama seo gus an cuideachadh air Disathairne comhla ris an dàrna gheama aca an aghaidh Laighin far an do chaill iad 28-25, air beulaibh 14,400. Bidh iad a coimhead air an cluich aca fhein agus air an geama gluasad aig Laighin, a lorg de bha math is de na cnapan starra a bh’aca.

Gu h-inntinneach bha aon sgioba ann nach do rinn Glaschu buileach a chuis air ‘s an t-seasan agus ‘s e sin na Newport Gwent Dragons as a Chuimridh. Chaill iad 23-8 riutha aig Scotstoun air beulaibh 4,665 agus 24-23 aig Rodney Parade air beulaibh 3,916. Nis, an adhbhar a tha mi ag innse an aireamh de luchd leanntainn aig gach geama ‘s e airson sealltainn am fas a tha air tachart annta anns an Rabo air fad agus tha Glaschu air a bhi mar pairt iomchaidh anns am fas seo leis an soirbheachas a th’air a bhi aca am bliadhna. ‘S docha nach eil iad fhathast a faighinn an aireamh a tha Laighin, Ulaidh is na sgiobanan Eireannach eile a faighinn, ach anns an geama mu dheireadh aca, ‘s an iar chuairt dheireannach bha sluagh de 10,000 ann aig Scotstoun. Clàr ùr gu dearbh airson a chiad turas aca faighinn a-steach dhan a gheama mu dheireadh den lìog.

Chan e direach faighinn dhan a chuairt dheireannach deireadh na euchdan aca idir an t-seasan seo, ach chuidich iad seo iad faighinn ann. Bhuannaich Glaschu an ‘derby’ Albannach an aghaidh Dun Eideann airson bliadhna eile, togail an cupa 1872 anns ‘derby’ as aosda ann an rugbaidh.9864275_0

Bha na Warriors cuideachd air leth soirbheachail anns na duaisean RaboDirect le Jonny Gray a buannachadh an cluicheadair òg as fhearr agus Tommy Seymour leis an ‘try’ as fhearr (http://youtu.be/CwZln3PXyJE). Ma tha sinn a coimhead air na ‘stats’ aig an lìog chì sinn gu bheil Nikola Matawalu neo ‘Niko’ anns a cheathramh aite airson an urrad de ‘tries’ a fhuiar e agus ‘s e cluicheadair na bliadhna aig Glaschu Rob Harley a th’air a bhi an sàs anns an urrad de gheamaichean as motha anns an lìog air fad, le 23 geamaichean fo chrios (http://www.rabodirectpro12.com/statzone/index.php).

Chan urrainn dha duine sam bith bhith ag radh nach eil seasan air leth soirbheachail air a bhi aig na Glasgow Warriors, ach gu dearbh bhiodh buannachd dhuibh an aghaidh Laighin air Didomhnaich direach gan toirt nas aired buileach. Bhiodh iad a chiad sgioba ann an Alba a bhuainnaich e agus an aghaidh buannaichean an an uraidh. Tha iad a tighinn gu Laighin as deish sreath de naoi buannachdan as deidh a cheile is iad ag iarraidh dha dheanamh deich (http://www.rabodirectpro12.com/teams/glasgow/fixtures.php). Cha bhith iad aig Scotstoun is air falbh bho luchd leannatinn an dachaigh bi e doirbh ach gun teagamh tha iad araidh air gun teagamh agus tha mise den bheachd gun urrainn dhaibh a dheanamh. Siuthad balaich!glasgowwarriorsteampic2013-14

Bidh mise gan leannatinn air an 31mh, am bi thu fhein?

Iona NicIllebhàin

Advertisements
Posted in Rugbaidh | Leave a comment

Strava – Airson daoine fairpaiseach…

Anns a’ phìos seo tha mi airson iomradh a thoirt air inneal a tha air a bhith air leth feumail agus brosnachail dhomh air an rothair bho chionn ghreis.

Tha ‘Strava’ na larach-lìn far an tèid agad air cuairtean rothaireachd no ruith a chur an àrd bho innealan GPS leithid uaireadairean Garmin no fiù ’s fòn-laimhe glic a’ cleachdadh an app aca.  Air an làrach chithear fiosrachadh mun astair, àirde, luaths is m.s.a.a gu fiù ’s rudan mar an cumhachd a rinn thu air an rothair no do reat-cridhe ma tha na h-innealan freagarrach agad.

Tha an fhiosrachadh seo uile na chuideachadh ann a bhith dèanamh trèanadh ann an diofar dhòighean.  Tha e fiù ’s goireasach is snog gu bheil dòigh agad air coimhead air ais air na cuairtean a rinn thu is iad uile air an clàradh agus ri lorg gu furasta anns an aon àite le mapaichean a’ sealltainn na slighean a ghabh thu agus cuine.

Tha feart eile aig Strava ge-tà a tha ga fhàgail sònraichte a-measg na diofar làraichean den leithid.  Air Strava thèid an luchd-cleachdaidh air segments a dhèanamh; tha iad seo mar rèis an aghaidh an gleoc.  Às dèidh dhut tilleadh dhachaidh bho chuairt chithear dè cho luath is a bha thu an coimeas dhaoine eile agus chithear dè cho luath ’s a bha càch.  Air gach segment tha KOM no ‘King of the Mountain’ airson an neach leis an t-àm as luaithe agus abair gu bheil luach aig an luchd-cleachdaidh orra seo!

Chan eil an dàimh sòisealta air làrach Strava a’ stad an-seo ge-tà, coltach ri Facebook is Twitter faodar dhaoine a’ leanntainn agus chi thu na tha iad ris.  Nuair a tha cuideigin a dèanamh segment no cuairt gu luath faodar kudos a thoirt dhaibh agus teachdaireachd fhàgail dhaibh cuideachd.  Mar sin bidh daoine a leantainn an caraidean agus a bruidhinn air na cuairtean a tha iad air a dhèanamh agus air mar a chaidh dhaibh.

Rinn mi fhìn segment (rud a bha cho furasta ri dhèanamh) airson an rothair is mi aig an taigh.  Thaghadh mi cnoc gu math goirid ach cas air rathad a’ Bhràighe aig drochaid a’ Bharragail.  Bha mi anns a’ chiad àite an toiseach ach às dèidh seachdain no dhà bha cuideigin air mo chrùin a ghoid!  Chaidh mi air ais a dh’fheuchainn a rithist ach nach mi bha brònach nuair a fhuair mi a-mach gur ann san treas a bha mi.  An-dràsta ’s e 5 diogan a-mhàin a tha eadar mi fhìn agus an neach as luaithe…  Às dèidh beagan a bharrachd trèanadh tha mi an dùil a thilleadh gus an glèidh mi mo KhOM a-rithist!

Mhollain Strava do dhuine sam bith a bhios a ruith no a’ dèanamh rothaireachd mar dòigh air trèanadh a chlàradh, dàimh a dhèanamh le caraidean trèanaidh agus rud beag farpais a thoirt a-staigh.  Tha an app furasta ri cleachdadh agus tha seirbheis saor (a bhios a’ mhòr chuid a cleachdadh) agus seirbheis ‘premium’ le feartan a bharrachd ann.  Ach nach cùm sibh air falbh bho na segments agamsa!

http://www.strava.com

Mapa agus fiosrachadh air Strava

Mapa agus fiosrachadh air Strava

Graf agus na segments a chaidh a dhèanamh

Graf agus na segments a chaidh a dhèanamh

Posted in Trèanadh | Leave a comment

Rèis iomraidh timcheall sgìre Loch Aillse

Disathairne sa chaidh aig deich sa mhadainn choinnich mu cheud duine aig Talla Dhòrnaidh, Àird Eilbh faisg air Caisteal Eilein Donain.  Thàinig iad bho air feadh an àite, ach ’s ann às a’ Phloc a bha a’ mhòr chuid, agus sin far a bha iad dùil a bhith feasgar an latha sin.  Tha dìreach corr air deich mìle bho Dhòrnaidh gu a’ Phloc air an rathad, is cha bhith e toirt barrachd air còig mionaidean deug a dhraibheadh ann an car.  A dh’aindeoin seo, bha 41 daoine ag iarraidh an aon turas a dhèanamh an latha seo ach ann an dòigh fìor eadar-dhealaichte bhon t-slighe àbhaisteach.  Bha iad an sàs san rèis iomraidh – 16 mìltean mu thimcheall Rubha Loch Aillse dhan a’ Phloc – abair dùbhlan!

Bha an rèis air a chur air dòigh le Comann Seòladh Bàtaichean Beaga a’ Phluic (Plockton Small Boat Sailing Club) gus ceithir fichead bliadhna a chomharrachadh bhon a stèidhich iad.  Ged a tha iad nan cluba sheòlaidh tha mòran eachdraidh iomraidh aca cuideachd.  Sna h-ochdadan bha rèis gach bliadhna eadar Pòrt Righ agus a’ Phloc le iomadh bàta bho gach àite.  Leis an t-slighe seo fhèin eadar an Dòrnaidh agus a’ Phloc, tha e air a bhith dà bhliadhna air fhichead bhon ruith iad an rèis mu dheireadh.  Am bliadhna sin bha seachd bàtaichean deug ann.  Airson an sia no seachd bliadhna a chaidh seachad – tha an cluba air a’ ruith an co-fharpais iomraidh Dolan Mhic Choinnich gach samraidh.  ’S e seo rèis “an aghaidh a’ ghleoc” mar a chanas ud, agus tha e fosgailte do bhuidheann sam bith a tha deònach.  Tha e a’ ruith fad an t-samhraidh, agus buannachaidh an sgioba leis an ùine as fheàrr bhon bhliadhna air fad.  Tha mi fhìn air a bhith fortanach iomradh le sgioba soirbheachail aig Coinneach Mac Rath airson am beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, agus bha dùil agam a bhith an sàs anns a’ rèis còmhla ris am bliadhna.  Bha mi a’ coimhead air adhart ris gu mòr, ach bha agam ri tarraing a-mach oir bha trioblaid neo dhà agam le mo dhruim agus cha robh mi cho cinnteach gum b’ urrainn dhomh crioch a chur air an rèis. Ged nach robh mise a’ gabhail pàirt am bliadhna-sa, bha mo bhràmair Beathag.

Air ais dhan rèis am bliadhna-sa – bha seachd sgiobaidhean an sàs ann – còig às a’ Phloc, aon à Ulapul agus bàta le measgachadh de dhaoine bho Earbasaig, Bada Call, a’ Chaol agus Caol Acain. Tha bàtaichan a’ Phluic nam bàtaichean-siùil, mar as àbhaist air an cleachdadh airson seòladh ann an rèisean mu thimcheall Loch Carrainn as t-samhradh, ach cha do thòisich na rèisean am bliadhna-sa fhathast.  ‘S e bàta sònraichte-iomraidh a th’ anns a’ bhàta bho Ulapul, agus iad caran nas proifeiseanta na sgiobaidhean Loch Aillse! Bha coignear anns gach bàta le ceathrar ag iomradh, is aonan a’ stiùireadh , le sianar agus coignear ann am bàta Ulapul.  Bha còig a-mach às na seachd sgiobaidhean nam balaich, ach bha sgioba Ulapul agus aon sgioba a’ Phluic nan nigheannan uile gu lèir.

Thòisich an rèis aig mu aon uair deug sa mhadainn agus bha e coimhead gu math slaodach airson greis oir bha a’ ghaoth an aghaidh nam bàtaichean, ach bha an seòl-mara a’ dol leis a’ chùrsa ge-tà.  Dà mhìle bho thòiseachd a’ chùrsa, faisg air Baile Mac Ara thachair aon bhàta ri trioblaid.  Bhris trì a-mach à còig de na rolagan aca, agus bha aca ri tarraing a-mach às an rèis.  Chùm na sia bàtaichean eile a’ dol sios Loch Aillse eadar an t-Eilean Sgitheanach agus tir-mòr, gus an do rànaig iad Caol Loch Aillse is an uair sin fon drochaid Sgitheanaich far a choinnicheas Loch Aillse leis An Lighe Rathairseach (Inner Sound/Little Minch).  B’ e sin leathach slighe agus bha na bàtaichean air fhàgail air an sgaoileadh a-mach gu mòr.  Aig an ìre seo thionndaidh na bàtaichean cha mhòr 160 puing.  Tha an t-àite seo air an t-slighe tòrr nas cunnartaiche oir ‘s e pairt nas fhosgailte a th’ann, ach gu fortanach cha robh trioblaidean ro mhòr aig na bàtaichean.  Às dèidh sin, tha an cùrsa a’ tighinn a-staigh gu Loch Carrann, a’ dol seachad air bailtean beaga croitearachd air tir-mòr mar Bada Call, Earbasaig, Port na Cloiche, An Druim Buidhe is Port an Eòrna.  Dìreach thairis air aon ghinealach air ais bha a h-uile baile sa sgìre gu math Gàidhealach, ach a-nis chan eil mòran a bharrachd air dòrnan no dhà leis a’ Ghàidhlig anns gach baile beag.

Air ais dhan an rèis fhein, is rànaig a’ chiad bhàta a’ Phloc às dèidh 3 uairean agus 27 mionaidean.  ’S e bata a’ Phluic – an ‘Sìophuirt’ (Seaforth) le Alasdair Mhic Choinnich a bh’ ann.  Chluich am pìobaire Alasdair Mhoireach puirt air a’ chladach agus bha BBQ, deoch no dhà, agus iomadh duine a’ feitheamh orra sa bhaile.  Tri mionaidean às dèidh sin thàinig am bàta bho Ulapul a-staigh.  Mu leth uair às dèidh sin rànaig tri bàtaichean eile.  Bha againn ri feitheamh rud beag nas fhaide airson bàta nan nigheannan, ach mu dheireadh thall, dìreach nas lugha na còig uairean bhon thòisich an rèis aig ceithir uairean feasgar thàinig na h-igheannean a-staigh do Chaladh a’ Phluic gun chuideachadh – abair oidhirp!  Gu h-àraidh nuair a chuimhneachas tu nach do dh’iomraich na h-igheannean còmhla idir a-riamh, agus gum b’ e seo a’ chiad turas ann am bàta-seolaidh airson mo bhràmair gun trèanadh sam bith, ach a bhith a’ cleachdadh inneal-iomraidh aig gym an Oilthighe!

Ged a bha iomadh aodann sgìth agus corp goirt ann, tha mi cinnteach gun robh deagh latha aig cha mhòr a h-uile neach-iomraidh.  Agus às dèidh a’ BhBQ, chaidh a’ mhòr chuid de dhaoine do Thaigh-Seinnse a’ Phluic airson cèilidh, gus deoch fhaighinn, agus planaichean a dhèanamh airson na h-ath-bhliadhna.

Le Gòrdan MacCoinnich

Na balaich làidir a' briseadh nan rolagan aca.

Na balaich làidir a’ briseadh nan rolagan aca.

Na bàtaichean uile gu lèir le Caisteal Eilein Donain air an cùlaibh.

Na bàtaichean uile gu lèir le Caisteal Eilein Donain air an cùlaibh.

An ‘Saranna C’ faisg air Cnoc Frith Àirde, a' Phloc leis a' Chomraich air an cùlaibh.

An ‘Saranna C’ faisg air Cnoc Frith Àirde, a’ Phloc leis a’ Chomraich air an cùlaibh.

Na h-igheannean aig toiseachd an rèis le drochaid Dhòrnaidh air an cùlaibh.

Na h-igheannean aig toiseachd an rèis le drochaid Dhòrnaidh air an cùlaibh.

Posted in Uncategorized | Leave a comment

Spòrs Ghlaschu – Agallamh le Josie Burgess

Fhuair Kerr a tha na sgrìobhaiche do Shùil air Spòrs an cothrom agallamh a dhèanamh le Josie Burgess.  Tha Josie na oileanach air an ceathramh bliadhna aig Oilthigh Ghlaschu agus tha i trang an sàs anns a’ bhuidheann Spòrs Ghlaschu, fhuair Kerr an cothrom beagan fhaighinn a-mach mun a’ bhuidheann…

Kerr:  Halò Josie, an dòchas gu bheil sibh gu math agus taing airson an ùine seo a thoirt dhuinn a bhruidhinn ruibh. An innse thu dhuinn dè dìreach a th’ ann an Spòrs Ghlaschu?

Josie:  Chaidh am buidheann Spòrs Ghlaschu stèidheachadh ann an 2011 le buidheann de phàrantan. Chaidh am buidheann stèidheachadh airson a bhith brosnachadh spòrs agus Gàidhlig anns a’ bhaile, tro bhith a’ tamhainn chothroman do chlann a bhith an sàs ann an spòrs tro mheadhan na Gàidhlig. Tha am buidheann air fàs bho 2011, agus tha nis comataidh aig a’ bhuidheann, agus co-ordanaiche, obair a tha mi fhìn fortanach a bhith a’ dèanamh do Spòrs Ghlaschu.

Kerr:  Nad obair fhèin ma-thà, cò leis a bhios tu dèiligeadh? A bheil sibh air a bhith dèanamh oidhirp gus cothroman a thoirt do phàrantan, is inbhich san fharsaingeachd, a thighinn a-staigh gus cuideachadh le coidseadh is eile?

Josie:  Mar co-ordanaiche, tha mise a’ cur dòigh cùrsaichean trèanaidh agus a’ cruthachadh chothroman do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith a’ coidseadh spòrs tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sinn a’ cur fàilte air duine sam bith aig a bheil ùidh ann an coidseadh spòrs ann an Gàidhlig, mar sgoilean (C4-6), oileanaich agus pàrantan. Ged nach eil fileantaich sa Ghàidhlig riatanach, tha e cudromach gu bheil an fheadhainn nach eil fileanta, a’ dèanamh oidhirp gus Gàidhlig ionnsachadh agus Gàidhlig a chleachdadh fhad ‘s a tha iad a’ coidseadh.

Kerr:  Dè na spòrs/tachartasan gu ruige seo a tha sibh air a chur air dòigh do chlann is coidsichean agus a bheil cail as ùr fa near dhuibh an-dràsta?

Josie:  Tha Spòrs Ghlaschu air coidseadh ball-coise a chur air dòigh do chlann sa bhun-sgoil, a tha a’ gabhail àite gach feasgar Dihaoine aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha na coidsichean a tha ga dhèanamh air a dhol tro trèanadh a chaidh a chur air dòigh le Spòrs Ghlaschu, agus tha sinn daonnan a’ feuchainn ri cothroman trèanaidh a bharrachd a thoirt dhan na coidsichean, mar eisimpleir, trèanadh aig ìre nas àirde agus trèanadh ann an ciad chobhair.
  Tha Spòrs Ghlaschu cuideachd a’ toirt taic dhan sgioba iomain aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a tha air a bhith uabhasach soirbheachail on a chaidh a stèidheachadh. 
Tha trèanadh ann an rugbaidh cuideachd air tachairt, a bharrachd air trèanadh ann an TOP Sport agus TOP Play, cùrsaichean a tha sealltainn mar a chuirear seiseanan spòrs ri chèile son clann. 
Tha Spòrs Ghlaschu cuideachd a’ tòiseachadh clasaichean Zumba Gàidhlig! Tha teisteanas Zumba aig dithis neach-labhairt Gàidhlig, agus tha clasaichean a’ tòiseachadh a dh’ aithghearr anns an stiùdio dannsa aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. 
A bharrachd air seo, tha latha sònraichte gu bhith againn san Ògmhìos, fèis spòrs far am bi cothroman ann diofar spòrs fheuchainn, taisbeanaidhean dannsa agus geamaichean is eile. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris gu mòr, latha gu math spòrsail a bhios ann!









 

Kerr:  Nach math sin, tha coltas g’ eil tòrr a’ dol agaibh gu dearbh! Ciamar am faigh daoine fiosrachadh no conaltradh leibh?

Josie:  Ma tha fiosrachadh sam bith mu Spòrs Ghlaschu a dhìth oirbh, tha duilleag Facebook againn, Spòrs Ghlaschu. Cuideachd faodar post-d a chur gu sporsghlaschu@gmail.com. Gu dearbh, ma tha ùidh aig duine sam bith ann a bhith a’ coidseadh spòrs tro mheadhan na Gàidhlig, nach cuir sibh fios thugam tro phost-d!

Kerr:  Taing a-rithist airson a bhith bruidhinn rinn Josie, agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheas dhuibh leis an iomairt sgoinneil seo.

Airson fiosrachadh fhaighinn air na tha a’ dol agus airson taic a chumail ris an iomairt, nach dèan sibh ‘like’ air duilleag Facebook Spòrs Ghlaschu:

https://www.facebook.com/pages/Spors-Ghlaschu/244264448961459

Posted in Uncategorized | Leave a comment

Leth-mharathon Aonghais MhicLeòid

Rò-Ràdh –  Dihaoine 2120

Ann an 36 uair a thìde bidh mi a’ dol gu Monklands airson leth-marathon. Tha mi air bhioran mun ghnothach is làn fhios agam nach eil mi ach a’ strì nam aghaidh fhèin, is a’ chleoc. Chan eil mi ach air aon “Leth” a dhèanamh cheana, is chan eil coimeas ann eadar an dà shlighe. Ruith mi am Barrathon ann an 2010 ann an 1:46:53 air dhomh cuireadh fhaighinn bho cho-ogha mo mhàthar dà là ron rèis. Ach ged nach robh mi cho uallaichte sin air a shon, bha làn fhios agam air gach lub agus cnoc air an rathad. Tha mi a’ creidsinn gu robh sin na bhuannachd dhomh is gu dearbh cha bhith a’ bhuannachd cheudna agam ann am Monklands  

'S e Gòrdain MacCoinnich, neach PhD eile, a dh’fhaighneach orm am bidhinn deònach am fear ann am Monklands a dhèanamh. Tha sinn air a bhith a-mach a’ ruith le chèile ann an Taobh Siar a’ Bhaile on a chur esan a-staigh airson Leth an Eilein Sgitheanaich agus mise a-staigh airson am Barrathon a-rithist. A dh’aindeon trioblaid neo dhà le mo chasan tha mi fhèin gu ìre mhath cinnteach gun urrainn dhomh co-dhiù deich mionaidean a thoirt dheth an ùine agam, is bhithinn air leth thoilichte nan robh e nas lugha na 1:35.

Feumaidh mi aideachadh cuideachd gu bheil mi a’ cleachdadh seo mar bharrachd ullachadh airson Barrathon san t-Òg Mhios. Le sin bidh mo uaireadair Gharmin (Geek Ruith a th’annam) a’ clàradh ciamar a tha mi a’ deiligeadh leis a’ chursa, is ‘s urrainn dhomh am fiosrachadh sin a sgrùdadh, le mo chasan an àirde agus botal leann nam dhòrn Oidhche Dhòmhnaich.

Co-dhiù, gus mo chasan a shìneadh, agus dol dham leabaidh, is an uair sin èirigh tràth a-màireach. Nì mi lap neo dhà den Botanics dìreach gus mo chasan a chumail sùbailte. Lìon mi a’ Chidsin le Carb-aichean, measan, sugh beetroot (a tha cho blasta sa shaoileadh tu…) agus rud neo dhà eile airson ithe a-màireach. Ach mar a thuirt mi, a’ dèanamh fiughair ri Didòmhnaich, gun teagamh sam bith.

Didòmhnaich

Dhùisg mi aig 7.30 is ghabh mi am brochan a bha mi air a dhèanamh an oidhche roimhe. Chaidh mi air ais dhan leabaidh airson uair a thìde a bharrachd. Is an uair sin dh’fhalbh mi gus Gòrdain is Rebecca a choinneachadh.

Ron rèis bha mi caran iomagaineach agus den bheachd gu robh mi caran craicte. Tha e inntinneach mar a chinneas teagamhan mar sin dìreach mus tòisich thu rud car dubhlanach. Thòisich mise agus Gòrdain ri taobh a chèile am meadhan nan ruitheadairean eile. A’ coimhead air ais air sin thug seo 10 diogan a bharrachd air an ùine againn. Tha iad a’ toirt “chip” bheag dhut a cheangalas tu ri barrail do bhròig is seallaidh sin an ùine fa leth agad on a chaidh thu fhèin seachad air an loidhne thòisichidh. Nuair a thòisich an rèis dh’fhalbh sinn a-mach as a’ phàirc is air cabhsair tro oighreachd taigheadais, is chàill na ruitheadairean nas luaithe beagan ùine mus do lorg gach duine deagh astair dhaibh fhèin.

Fhad 's a bha mi a’ ruith chleachd mi an uaireadair agam gus sùil a chumail air buillean mo chridhe agus cho luath’s a bha mi a’ dèanamh gach leth mhìle. Bha mi a’ feuchainn ri bhith faisg air 1:30 is mar sin bha feum agam a bhith ruith gach mìle fo 7 mionaidean, neo mar sin. Ged a bha mi car slaodach an toiseach bha mi cofhurtail gu leòr airson a’ mhòr chuid de mheadhan na rèise.

Bha na daoine a bha gar stiùireadh is a’ toirt a-mach uisge gu math brosnachail, is iad a’ toirt facail neo dhà dhuinn uile is sinn a’ dol seachad orra. Bha seo uabhasach fhèin feumail oir tha d’inntinn gu math cudromach is tu a’ ruith. Às dèidh làimh bha sinn a’ bruidhinn air na blàran beaga a tha dol nad eanchainn nuair a tha thu a’ ruith: airson cuid de dhaoine ‘s e bhith a’ cumail a’ dol gus a ruig iad a’ chrìoch, airson cuid de dhaoine eile ‘s e bhith a’ cumail a’ dol aig an ìre cheart agad fhèin. Ghabh mise a’ Chonair Mhoire an oidhche ron rèis is mar Chaitligeach thug sin beagan a bharrachd misneachd dhomh tha mi cinnteach.

Ach tha na diofar rudan a tha a’ dol nad cheann a’ fàgail an rèis a’ dol seachad gu math luath. Bha mise a’ ruith còmhla ri dithist eile airson mìle neo dhà. Bha beagan a bharrachd luths ann an casan a’ chiad neach, is dh’fhalbh esan a-mach à sealladh às dèidh ghreis, ach chaidh mi fhèin seachad air am fear eile a bha beagan nas aosda. Cha robh mise a’ dol an sàs ann am “blàr” le ruitheadair eile, as urrainn a thachairt ma tha sibh a’ dol aig an aon astair. Bha aon neach ge-tà a bha air mo chulaibh airson nam mìltean mu dheireadh, is dh’fhalbh esan seachad orm le 50 meatair ri dhol. Cha channainn gu robh mi coma aig an ìre sin, bha mise a’ ruith an aghaidh a’ chleoca sa chiad dol a-mach, ach thug e beagan toilicheas dhomh fhaicinn às dèidh làimh gu robh ùine “chip” nas fheàrr agamsa co-dhiù.

Iar-Ràdh- Diluain 1500

Deiseal ma thà. 1:31:18. Toilichte leis an ùine agam, ged bhithinn an dòchas nach bi e ro fhada mus tig mi sìos fo 90 mionaidean. Bha a’ chursa fhèin stèidhichte air slighe tro Phairc Drumpellier, le aon lap air an taobh tuath a bha mu 3 mile agus lap eile mu dheas a bha 5 mìle is a rinn sinn dhà uair. Bha cnoc neo dhà ann, agus aon bhraigh mhòr ach cha robh e ro dhona a bharrachd air sin. Dè a-nis? Uill tha Gòrdain, Rebecca is Siobhan a’ dèanamh an rèis Sgitheanaich, mar sin ‘s docha gun tèid mi suas còmhla ruithesan. Ach chan eil fhios am. A bharrachd air sin tha am Barrathon agam, is an uair sin Marathon Loch Nis aig crìoch an t-samhraidh. Bha mi a’ coimhead air an Speyside way cuideachd, a tha nas fhaide fiù 's na marathon… ach chì sinn fhathast.

 

Mi fhìn is Gòrdan an dèidh làimhe.

Mi fhìn is Gòrdan an dèidh làimhe.

Posted in Aonghas | Tagged , , , | Leave a comment

Camanachd air Cuibhlichean

Tha mi air a bhith fortanach grunn chothroman fhaighinn gus spòrsachan eadar-dhealaichte fheuchainn airson a’ phrògram rèidio Spòrs na Seachdain, eadar ‘ultimate frisbee’, sgìtheadh, goilf agus a bhith sreap balla deigh.

Bho chionn beagan sheachdainnean bha mi aig Pàirc Sràid Achadh a’ Mhansa ann am Partaig air oidhche ’Chiadain airson ‘Bike Polo’ fheuchainn leis a bhuidheann ‘Glasgow Bike Polo’ a tha ga ruith sa bhaile.

Tha polo nan rothar na gheam a tha air a bhith mun cuairt airson bliadhnaichean.  B’ àbhaist gun robh e a gabhail àite air feur mar polo nan each, ach bho chionn beagan bhliadhnaichean tha ‘urban bike polo’ air nochdadh.  Mar a shaoilear tha seo ga chluich air pàircean tarmac ann am bailtean-mòra agus tha e air fàs gu luath bho 2007 a-mach gu ìre far a bheil e ga chluich air feadh an t-saoghail.

’S e pàirc gu math beag a th’ ann faisg air meud raon ball-basgaid is tha triùir air gach sgioba.  Tha na sgiobaidhean a’ feuchainn ri tadhal fhaighinn agus tha an dà thadhal air an stèidheachadh aig cinn na pàirce.  Coltach ri camanachd-deighe faodaidh cluicheadaran a dhol air an cùlaibh.  Tha na camain, no simidean, mu thrì troigh agus air an dèanamh le plastaig airson a bhith cho aotrom ’s a ghabhas.  Tha am ball cuideachd air a dhèanamh le plastaig agus tha e cruaidh ach aotrom.

A thaobh riaghaltan sònraichte, faodar bualadh baidhseagal ri baidhseagal, simid ri simid, no bodhaig ri bodhaig.   Ge-tà, ma chuireas tu cas gu talamh feumar a thighinn gu meadhan na pàirce sa bhad mar pheanas.  Mar sin tha sgilean eadar-dhealaichte air an cur gu feum ann a bhith a’ faighinn do bhaidhseagal dhan àite ceart, ga chothromachadh, agus a bhith feuchainn air a’ bhall.

Leis gun robh Màiri bhon a’ BhBC ann leis a’ chamara airson BBC Alba, agus leis gun robh mi air a bhith a’ dèanamh a-mach dhi cho math ’s a tha mi le caman agus air baidhseagal, nuair a thàinig an cothrom dhomh pàirt a ghabhail bha mi rud beag amharasach…

DSC_0252

Às dèidh dhomh faighinn cleachdte ris na riaghaltan agus mar a bha an geam a’ dol, chòrd e rium gu mòr.  Air uairean bha e luath, agus air uairean slaodach, ach bha dùbhlan an cois fad na h-ùine.  Fhuair mi dà thadhal ro deireadh na h-oidhche ged nach d’ fhuair Màiri iad leis a’ chamara… feumaidh sibh dìreach mo chreidsinn! 😉  Channain gu bheil seo dha-rìribh cho faisg is a faighear ri camanachd air baidhseagal.

Seo dealbh no dhà eile den oidhche… (le taing do Shona!)

DSC_0256 DSC_0255DSC_0258

Airson fiosrachadh mu pholo nan rothar ann an Glaschu faic:

http://glasgowbikepolo.co.uk/

Bidh Spòrs na Seachdain a craoladh eadar 9-10m gach Disathairne air Radio nan Gàidheal agus a tha e ri fhaighinn air èist a-rithist agus mar phod-chraoladh an-seo:

http://www.bbc.co.uk/programmes/b007jdc5

Posted in Uncategorized | Leave a comment

Marsco agus Sgurr na Banachdaich

Nuair a bha mi aig an taigh airson laithean-saora na Càisge, fhuair mi an cothrom beagan sreap a dhèanamh sa Chuiltheann le m’ athair.

Bha fhathast tòrr sneachd agus deigh gu h-àrd agus chan eil m’ athair buileach cho fit is a bha e na òige, mar sin ann a bhith taghadh beanntain agus slighean bha againn ri smaoineachadh air seo.

Air a’ chiad latha rinn sinn air Marsco, beann a tha leis fhèin ann an Gleann Sligeachan agus nach eil ro àrd no cunnartach.  A’ tòiseachadh aig Taigh-Òsta Sligeachan bha astair meadhanach fhada againn gus an d’ ràinig sinn bonn Mharsco ach cha robh an sreap fhèin ro dhona is am mullach aig 736m a-mhàin.  Chòrd an latha rinn gu h-àraid na seallaidhean oir gheibhear sealladh math air beanntainn eile a’ Chuilthinn.

Loch Ainort bho Marsco

Loch Ainort bho Marsco.

M' athair le sealladh a' Chuiltheann Dhuibh.

M’ athair le sealladh a’ Chuiltheann Dhuibh.

As dèidh latha no dhà a’ gabhail fois (ma chanadh tu gur e fois a th’ ann a bhith cladhadh airson buntàta sa ghàrradh!) thàinig faochadh air a’ ghoirteas a bh’ air a bhith ann an casan m’ athair agus bheachdaich sinn air beann eile a shreap.  Smaoinich sinn air Sgurr na Banachdaich oir gur e aon de na mullaichean sa Chuiltheann as fhasa aig ìre Beinn an Rothaich (+914.4m) agus leis an t-sneachda a bha ri fhaicinn air druim a’ Chuilthinn shaoil sinn gum biodh e na bu shàbhailte.

’S e deagh latha a bh’ ann agus rinn sinn air Coire nan Eich agus air adhart gu Sgurr na Banachdaich an ìre mhath gu luath.  Bha seallaidhean sgoinneil ri fhaicinn aig a’ mhullach: na h-eileannan an iar bho Beanntan na Hearadh gu Barraigh, taobh tuath an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair, agus sìos gu Coire Uisg agus taobh a deas an eilein.

Rinn sneachda cùisean doirbh.

Rinn sneachda cùisean doirbh.

Mi fhìn aig mullach Sgurr na Banachdaich.  Tha Sgurr Dearg agus an 'Inaccessible Pinnacle', air mo chùlaibh.

Mi fhìn aig mullach Sgurr na Banachdaich. Tha Sgurr Dearg agus an ‘Inaccessible Pinnacle’, air mo chùlaibh.

Bu thoil leam fada bharrachd sreap a dhèanamh sa Chuiltheann am bliadhna ma gheibh mi an cothrom.  ’S e àite air leth àlainn is brosnachail ach neo-mhaitheach a th’ ann a bheireas ort mothalachd air mòrachd ghnothaichean.

Kerr

Thar lochan fala clann nan daoine,

thar breòiteachd blàir is strì an aonaich,

thar bochdainn, caitheimh, fiabhrais, àmhghair,

thar anacothroim, eucoir, ainneairt, ànraidh,

thar truaighe, eu-dòchais, gamhlais, cuilbheirt,

thar ciont is truaillidheachd, gu furachair,

gu treunmhor chithear an Cuilitheann

’s e ’g èirigh air taobh eile duilghe.

An Cuilitheann, Somhairle MacGill-Eain

Posted in Sreap is Coiseachd | Leave a comment