Sgrùdadh air Bòrd na #Gàidhlig – Aithisg Oifigeil ri faighinn sa Ghàidhlig


Chùm Comataidh Sgrùdadh Poblach agus Iar-reachdail na Pàrlamaid seisean fianais air 24 Sultain far an do ghabh iad fianais mu Aithisg Sgrùdaidh Bhòrd na Gàidhlig airson 2018/19.

Màiri NicAonhais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig agus i a’ toirt seachad fianais

Tha eadar-theangachadh Gàidhlig de dh’Aithisg Oifigeil an t-seisein, anns an do ghabh a’ Chomataidh fianais bho Bhòrd na Gàidhlig agus bho Riaghaltas na h-Alba ri fhaighinn a-nis.

Alasdair

alasdair.maccaluim@parliament.scot

A’ cur còraichean na cloinne dhan lagh – co-chomhairle #gàidhlig


Tha Comataidh Co-ionannachd is Chòraichean Daonna na Pàrlamaid a’ sireadh bheachdan bho òigridh mu bhith a’ cur còraichean na cloinne dhan lagh.

Tha Pàrlamaid na h-Alba air goireasan a chruthachadh a bhios feumail do sgoiltean a tha ag iarraidh pàirt a ghabhail sa cho-chomhairle no a tha airson teagasg mu chòraichean chloinne san fharsaingeachd.

Co-theacsa

Tha Bile ùr air tighinn a-staigh do Phàrlamaid na h-Alba a dhèanadh còraichean na cloinne nam pàirt den lagh ann an Alba.

’S e a th’ ann an còraichean chloinne ach na tha a dhìth orra gus am fàs iad
suas sona, fallain is sàbhailte. Tha iad air an sgrìobhadh ann an Cùnnradh
Còraichean na Cloinne aig na Dùthchannan Aonaichte no ‘UNCRC – United Nations Convention on the Rights of the Child’.

Tha an Cùnnradh cuideachd ag ràdh na bu chòir do riaghaltasan
dèanamh gus urram a thoirt do chòraichean na cloinne.

Tha Comataidh Co-ionannachd agus Chòraichean Daonna aig Pàrlamaid na
h-Alba a’ coimhead air a’ Bhile agus ag iarraidh faighinn a-mach na tha a’ chlann fhèin a’ smaoineachadh mu an cuid chòraichean agus mar a ghabhas iad dìon.

Tha na bhios aca ri ràdh glè chudromach. Cuidichidh e Pàrlamaid na h-Alba gus co-dhùnadh a dhèanamh a bheil feum air atharrachadh sam bith gus an obraich am Bile mar as chòir. Cuidichidh e Pàrlamaid na h-Alba cuideachd gus co-dhùnadh an tèid am Bile na lagh.

Alt 30: bho phostair Coimiseanair Chloinne is Òigridh na h-Alba

Goireasan

Tha bileag fiosrachaidh againn sa Ghàidhlig cho math ri pasgan Gàidhlig airson luchd-teagaisg a tha airson coimhead air a’ chuspair san sgoil.

A bharrachd air seo, tha sgioba foghlaim na Pàrlamaid air taisbeanadh PowerPoint a dhèanamh sa Ghàidhlig mun chùnnradh agus mun bhile.

Tha goireasan sa Ghàidhlig aig Coimiseanair Chloinne is Òigridh na h-Alba cuideachd, a’ gabhail a-steach postair anns a bheil geàrr-chunntas le mìneachadh air gach alt sa chunnradh.

Agus gheibhear barrachd fiosrachaidh sa Bheurla air làrach-lìn na Comataidh.

Tha a’ cho-chomhairle a’ tighinn gu crìch Dihaoine 20 Samhain.

Alasdair

alasdair.maccaluim@parliament.scot

Aithisg Bhliadhnail 2019-20 ri faighinn #gàidhlig


Chaidh aithisg bhliadhnail ùr na Pàrlamaid fhoillseachadh an-diugh. Tha i ann an cruth dà-chànanach sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

Anns an aithisg, gheibh sibh a-mach na bha a’ dol sa Phàrlamaid agaibh ann an 2019-20 le staitistearachd agus fiosrachadh gu leòr!

Agus ma tha BSL agad, gheibhear geàrr-chunntas den aithisg sa chànan sin cuideachd.

Alasdair MacCaluim

alasdair.maccaluim@parliament.scot