Fàilte thugaibh dhan Thoir ur n-Aire mu dheireadh!
An-diugh chan eil ach aon neach-ciùil agam dhuibh, leis nach robh mi airson ’s gum biodh e comasach dha duine sam bith a tha leughadh seo an tè seo a’ call. Seo agaibh Chrissy Barnacle. Èistibh!
Cluinnear beagan Jeff Buckley na ceòl, nam bheachd-sa, is cuideachd chanainn RM Hubbert agus Laura Marling. Tha Chrissy a’ cluich giotàr le teudan naidhlean, mar a th’ aig giotàran chlasaigeach. Tha a briathran glic is snasmhor, le ìomhaigheachd agus siubhlachd a tha a’ toirt orm cuimhneachadh air Death Cab for Cutie.
Tha Chrissy cuideachd gu math èibhinn agus còmhfhurtail air an àrd-ùrlar. Tha a comadaidh dorcha, is i ag innse dhut mun t-aiseig làn radain chanabail (barrachd mun sgeulachd sin an seo) air an do stèidhich i òran, no mun bhuaidh aphrodisiac a bha aig cnòthan-calltainn orra is i a’ feuchainn ri brosnachadh a’ lorg airson a Meanbh-Chlàr ùr.
‘S urrainnear an dà Mheanbh-Chlàr fhaighinn fhaighinn saor air Bandcamp:
1. Chrissy Barnacle EP & 2. Hazelnuts EP
Tha Chrissy a’ cluich A-NOCHD FHÈIN an Dùn Èideann, 6f aig am Banshee Labyrinth, £6. No ’s urrainnear fhaicinn aig an Solas Festival am Peairt, a tha a’ dol eadar an 20-22mh den mhìos seo fhèin.
Facebook – Soundcloud – Bandcamp
–
Uill, sin agaibh e ò Thoir ur n-Aire, tha mi an dòchas gun do chòrd an sreath riubh. An dòchas gum bi deagh shamhradh agaibh, agus gun èistich sibh ri ceòl às gach ceàrnaidh.