Air eadar-theangachadh bhon alt thĂšsail le Mike Sabot, AFed DhĂšn Ăideann, ga riochdachadh fhèin a-mhĂ in.  Faodar ar n-amasan is prionnsapalan a leughadh ann an GĂ idhlig an seo.
Chan eil ach glè bheag de thÏde ri dhol a-nis gu reifreann mòr na neo-eisimeileachd 18mh Sultain.
Ma bhòtas tu no mura bhòt, tha e an urra riut fhèin. Bidh cuid de dhâanargaich aâ seachnadh aâ ghnothaich uile gu lèir agus aâ cuimseachadh air eagrachadh far a bheil iad agus ge bith dè thachras, bidh cuid eile aâ cur crois sa bhaileat airson Bu Chòir, feuch gum buannaich sinn co-dhiĂš corra leasachadh.
Ach ma thaghas tu Bu Chòir, dèan cinnteach nach e ach roghainn phragmatach a tha ann â na gabh ri ideòlas iomairt Bu Chòir, no rudeigin a tha coltach ris, nĂ iseantachd-chlĂŹ.
Tha fios gu bheil sinn aâ bruidhinn mu iomairt nĂ iseantach Albannach â ge bith dè a chanas cuid de dhaoine air an lĂ imh-chlĂŹ* – agus aig an dearbh Ă m tha muinntir Cha Bu Chòir aâ riochdachadh nĂ iseantachd Bhreatannach. Feumaidh iadsan a dhâaithnicheas cho cudromach âs a tha strĂŹ nan clasaichean cur an aghaidh a dhĂ dhiubh.
Ann an riochd sam bith, tha nĂ iseantachd aâ dèanamh dĂ rud: bidh e aâ feuchainn ri coimhearsnachd a chruthachadh eadar bosaichean agus an clas-obrach; agus bidh e aâ ceangal na coimhearsnachd-sa ri stĂ it-nĂ isein chalpach, aâ daingneachadh a cumhachd agus a h-Ă ite ann am mar a tha calpachas aâ gabhail brath oirnn.
Chan urrainn seo a bhith dhĂ -rĂŹribh âadhartachâ.
Mar a dhâinnis an comannach Paul Mattick, tha ceud bliadhna de dhâeòlas againn air strĂŹthean gus nĂ iseanean a shaoradh far an do chrĂŹochnaich gluasadan ma bâ fhĂŹor adhartach an aghaidh impirealas le a bhith aâ cruthachadh clas-riaghlaidh ainneartach Ăšr.
A-nis, âs dòcha gum faic sinn caibideil eile san sgeulachd agus gluasadan neo-eisimeileachd air feadh na Roinn Eòrpa aâ freagairt ath-eagrachadh nua-libearalach agus na staing-chalpach a thachair o chionn ghoirid. A bheil sinn an dĂšil ri toraidhean eadar-dhealaichte?
Chan e adhbhar gĂ irdeachais a tha ann an sgaraidhean is farpais am measg aâ chlas-obrach Eòrpaich. Agus nuair a thig e gu eisimpleir leithid Chatalunya âs ann a tha e gu follaiseach air a stiĂšireadh le luchd-an-airgid, agus airson âs gum bi roinn nas beartaiche aâ cumail a cuid maoin bho roinnean nas bochda anns aâ chòrr den SpĂ inn.
Ach nach eil stĂ itean beaga nas fheĂ rr agus nas deamocrataiche?
Ma bheir sinn sÚil gheur air na stà itean beaga Eòrpach a tha ann an-drà sta chÏthear:
- nach eil e ann an dĂ -rĂŹribh nas fhasa do luchd-obrach eagrachadh annta;
- gu bheil iad smachdail cuideachd (mar phĂ irt de dhreuchd stĂ it sam bith) agus gun urrainn dhaibh a bhith a cheart cho borb (âs e eisimpleir Ă raid a tha anns an dĂ imh eadar an eaglais Chaitligeach agus stĂ it na h-Ăireann);
- gu bheil iad air a bhith gu math deònach nua-libearalachd agus mòr-ghearraidhean a chur an gnĂŹomh (agus tha fĂŹor dhroch bhuaidh aig seo air daoine ann an stĂ itean beaga bhon t-Suomi gu na TĂŹrean Ăsle, gun luaidh air an Roinn Eòrpa a deas);
- gu bheil treand an aghaidh in-imrich aâ fĂ s air feadh na Roinn Eòrpa a tuath co-cheangailte ri ceannas siostamach dhaoine-geala (systemic white supremacy);
- gu bheil cuid de na stĂ itean beaga seo air saighdearan a chur a-null thairis (m.e. an Danmhairg ann an AfghanastĂ n) no tha iad aâ cur taic ri feadhainn a bhitheas (Ăirinn a-rithist, is iad aâ tabhann port-adhair na Sionainne do Fheachd-adhair Aimearaga);
- agus gu bheil iad an-còmhnaidh fo bhuaidh mhòr structaran tar-nà iseanta an t-saoghail agus calpa fhèin.
 âNuair a bhios daoine air an dochann le maide cha bhi iad idir nas toilichte mas e âMaide nan Daoineâ a chanar rithe.â â Mikhail Bakunin
 Tha e air argamaid le iomairt Bu Chòir agus cuid air an lĂ imh-chlĂŹ gun urrainn Alba fhèin a bhith na âdheamocrasaidh Ă bhaisteachâ. âS cinnteach nach do mhothaich iad gu bheil deamocrasaidh-riochdachail ann am fĂŹor èiginn agus air a chĂ ineadh gu dubh le gluasadan-sòisealta air feadh an t-saoghail a tha aâ sabaid airson fĂŹor dheamocrasaidh compĂ irteach.
Mura h-eil coltas ann an-drĂ sta nach biodh riaghaltas na h-Alba aâ toirt a-steach nithean grĂ ineil leithid CĂŹs an t-Seòmair-chadail no aâ gabhail seasamh an aghaidh in-imrich, chan e suidheachadh seasamhach a tha seo. Bidh cumhachdan mòra poileataigeach is eaconamach aâ bualadh air poileasaidh an riaghaltais Ă s dèidh neo-eisimileachd. Bidh e aige ri gearraidhean a dhèanamh uair no uaireigin agus feumaidh e a chrĂŹochan a chleachdadh airson âmath an eaconamaidhâ.
Tha stĂ itean beaga gu math comasach am poball a mhealladh agus a bhith aâ dol an aghaidh beachd na mòr-chuid nuair a dhâfheumas iad (m.e. chaidh âaâ bhun-reachd chompĂ irteachâ ann an Innis-TĂŹle a chur gu sĂ mhach seolta an dĂ rna taobh leis an riaghaltas). Bidh an âdĂŹth deamocratachâ dhĂ -rĂŹribh aâ leantainn Ă s dèidh neo-eisimeileachd.
Dè mu dheidhinn na Là imh-chlÏ ann an Alba?
âS e coimeasgadh a tha ann de nĂ iseantachd-chlĂŹ agus deamocrasaidh-sòisealta cianalach. Tha e ag argamaid an aghaidh nua-libearalas seach calpachas fhèin. âS e deagh dhòigh a tha seo buill-phĂ rlamaid fhaighinn anns an ath thaghadh ach chan eil e aâ buntainn ri atharrachadh-sòisealta bunaiteach idir.
âS ann a tha Common Weal agus an iomairt na Neo-eisimeileachd Radaigich airson calpachas a ruith nas fheĂ rr.
Tha Common Weal air a bhith âs dòcha nas buadhaich na cĂ ch air an LĂ imh-chlĂŹ. âS e buidheann a tha annta a tha gu follaiseach aâ putadh co-obrachadh eadar clasaichean â agus seo air a shealltainn gu furasta nan sluagh-ghairm âAll of us firstâ. Tha iad ag iarraidh eaconamaidh mòr-fĂ s, ach âs e tha seo aâ ciallachadh ann an dĂ -rĂŹribh nas urrainnear faighinn a-mach Ă s an luchd-obrach a mheudachadh, agus a bhith aâ buannachadh an aghaidh luchd-obrach eile anns an fharpais eadar-nĂ iseanta.
Tha âcomhairlean-obrachâair am moladh leotha gus dèanamh cinnteach nach eil cus còmhstri san Ă ite-obrach â rudeigin a tha gu math cudromach ann an a bhith aâ toirt fĂ s air tarbhachd â i. prothaid. Far an deach an cleachdadh anns an Roinn Eòrpa bha iad an-còmhnaidh aâ lagachadh aonaidhean agus mĂŹleantachd an luchd-obrach.
San leabhar, Yes: the radical case for Scottish independence, gheibhear an cunntas as mionaidiche le buill iomairt na Neo-eisimeileachd Radaigich. Tha e aâ gairm airson ro-innleachd na h-aghaidh-aonaichte (united front) chun na h-ĂŹre agus nach eil sòisealachd â fiĂš âs âsòisealachdâ choirbte na stĂ ite â air aâ chlĂ r-ghnothaich, ach na h-aisling airson fada san Ă m ri teachd.
Bu chòir dhuinn, tha e ag innse, pĂ rtaidh leathann dhen lĂ imh-chlĂŹ (seach pĂ rtaidh âan aghaidh calpachasâ) a chur air dòigh ann an Alba coltach ri Syriza no Die Linke, agus tha iad aâ tabhann an aon âKeynesian wish listâ stèidhichte air an dearbh mheasadh lapach air calpachas agus an stĂ it a chaidh a sgrĂšdadh gu geur le Michael Heinrich.
Coltach ri Common Weal, tha briathrachas radaigeach â deamocrasaidh compĂ irteach, dĂŹ-mheadhanachadh â aâ breacadh a sheasaimh airson mion-atharrachadh slaodach. Nuair a thig e gu h-aon âs gu dhĂ chan eil e dhĂ -rĂŹribh eadar-dhealaichte ris, ach lorgar beagan de chĂ ineadh air corra phuing leithid mar a tha Common Weal gu mòr aâ cur taic ris aâ mhodail Lochlannach.
An eisimpleir Lochlannach
âS iad na dĂšthchannan Lochlannan na stĂ itean beaga as trice a bhios daoine ag ainmeachadh, agus tha Common Weal gu sònraichte airson âs gum bi Alba nas coltaiche riutha. Mar thoradh air grunn rudan â gluasad lĂ barach lĂ idir, goireasan nĂ darra 7c â bha iad na bu chomasaiche an solarachadh shochairean a ghlèidheadh na bha Breatann. Bho shealladh eadar-nĂ iseanta, bâ ann a bha na dĂšthchannan seo mar flaitheachdan-lĂ barach (labour aristocracies) aâ tighinn beò air saothair an luchd-obrach thall thairis.
Ach Ă s dèidh sin, tha na stĂ itean Lochlannach cuideachd aâ fulang bho ionnsaigh nua-libearalach agus tha neo-ionnanachd aâ fĂ s an sin cuideachd. MhĂŹnich Asbjørn Wahl mar tha an stĂ it shochairean ann an Nirribhidh, a tha cho beairteach le ola, ga lachachadh bhon taobh a-staigh agus gu bheil ideòlas taigh-nam-bochd (workfare) ga shĂŹor neartachadh.
Tha Wahl aâ cumail a-mach nach eil e gu feum dhuinn a bhith daonnan aâ comharrachadh cho soirbheachail âs a tha na dĂšthchannan Lochlannach ann am measaidhean eadar-nĂ iseanta.
âS e an trioblaid gu bheil a h-uile dĂšthaich anns na measaidhean seo gan lagachadh. Air neo, gus a chur an cèill ann an dòigh eile, tha cèaban fhathast againn air an deic uachdrach, ach âs e deic uachdrach an Titantic a tha ann, agus tha an long air fad aâ dol fodha. (2011: 11).
Thèid againn air na h-uiread ionnsachadh bhon eisimpleir Lochlannach ge-tĂ , le a bhith aâ coimhead air aâ chontrarrachd agus strĂŹ nan clasaichean taobh a-staigh nan dĂšthchannan seo â a tha aâ breugnachadh na tha aig deamocrataich-shòisealta ri rĂ dh a-bhos an seo.
Am measg na LĂ imh-chlĂŹ Lochlannaich tha deasbad aâ tachairt air ciamar a bu chòir dhaibh sabaid an aghaidh an dĂšbhlain do sholarachadh shochairean. A bharrachd air Wahl, tha obair Daniel Ankarloo, sgoilear air sochairean san t-Suain, uabhasach inntinneach.
Dhâinnis e gun robh an gluasad lĂ barach an sin âair a dhĂŹ-neartachadh le [âŚ] co-obrachadh nan clasaicheanâ (2009) agus ri linn âs gun robh cus dhaoine aâ creidsinn ann an ârathad poileasaidh-shòisealta gu sòisealachdâ (2008: 78-84) â i. gum bâ e eisimpleir de shòisealachd a bha ann an stĂ it nan sochairean agus chan fheumamaid ach sin aâ leudachadh.
An Ă ite seo, airson na bhuannaich sinn a dhĂŹon agus gus strĂŹ airson co-chomann eadar-dhealaichte, feumaidh sinn mĂŹleantachd mar chlas a lorg a-rithist agus âgum feum an radaigeachd seo [âŚ] tighinn bhon bhonn ann an riochd fèin-eagrachadh aâ ghluasaid lĂ bariachâ (2009).
Tha strĂŹthean airson shochairean, seach a bhith aâ cur taic ri stĂ iteachas shochairean fhèin, na phĂ irt dheatamach dhe seo â aâ neartachadh aâ chlas-obrach agus a chomais airson sabaid (ibid.).
Mar bu chòir, tha Ankarloo ag argamaid gum feum an gluasad eagrachadh air feadh aâ cho-chomainn agus am measg gnĂ th-bhuill nan aonaidhean. âS urrainn dhuinn cuideachd a bhith air ar misneachadh leis an aonadh rèabhlaideach SAC san t-Suain agus leis an LĂ imh-chlĂŹ Lochlannach nas fharsainge a tha taobh a-muigh agus an aghaidh na pĂ rlamaid â tha iad fada nas eagraichte na gluasad coltach sam bith ann an Alba no san RA.
Ag ath-nuadhachadh ar strĂŹ
Chan eil e deimhinne gum faigh sin gin dhe na leasachaidhean a tha air an gealltainn le iomairt Bu Chòir.
Cha bu chòir dhuinn earbsa a chur ann an stĂ it Albannach neo-eisimeileach a bhith aâ roinn mòran beairteis, a bhith dhĂ -rĂŹribh aâ glèidheadh solarachadh an NHS, gun a bhith aâ toirt ionnsaigh air daoine gun chosnadh no daoine ciorramach, gun a bhith aâ dèanamh ghearraidhean, gun a bhith aâ cur dhaoine a-mach Ă s an dĂšthaich le fòirneart, no a bhith aâ toirt air falbh nan cuingealachaidhean air aonaidhean-ciĂšird.
Tha cuid an dòchas gum bi daoine cumanta aâ ghluasaid airson neo-eisimeileachd aâ cruthachadh gluasad sòisealta dĂšbhlannach Ă s dèidh sgaradh nan dĂšthchannan. Nach e seo a tha gorm! Bhiodh aige ri a bhith aâ diĂšltadh a  bhun-stèidh ideòlach, a nĂ dar fhèin mar cho-chòrdadh eadar clasaichean eagraichte leis an dearbh fheadhainn a tha aâ sireadh cumhachd phoileataigeach.
Tha aâ mhiann sa ghluasad seo airson atharrachadh sòisealta, âsmachd dheamocratachâ, agus ath-riarachadh beairteis rim moladh ach feumaidh sinne an leithid a phutadh taobh rèabhlaideach.
Mura h-eil am pròiseact nĂ iseantach air a bhriseadh a dhâaithghearr air creagan a chontrarrachd fhèin, bidh againne ri a chuideachadh dol na bhloighean.
Ge bith dè toradh an reifrinn, tha na buaidhean maireannach air a bheil sinn cho feumach an eisimeil air na ghabhas dèanamh leinn ag eagrachadh agus aâ strĂŹ mar chlas âair a shon fhèinâ.
Aig cnag na cĂšise tha fĂŹor eadar-nĂ iseantachd phractaigeach.
Chan eil dòchas ann a bhith aâ feuchainn ri flaitheachd-lĂ barachd Ăšr a chruthachadh no ann an dlĂšthachd eadar-nĂ iseanta nan nĂ iseantach-clĂŹ, ach ann a bhith ag aonachadh luchd-obrach aâ sabaid bhon bhonn an aghaidh stĂ it, calpachas, patrargachd, agus ceannas nan daoine-geala air feadh an t-saoghail gu lèir.
Nòtaichean
*Abair troimh-chèile, no doillearachadh a dhâaona-ghnothach, a tha air a bhith ann a thaobh ciall ânĂ iseantachdâ. ChĂšm co-neach-gairm aâ PhĂ rtaidh Uaine, Patrick Harvie, a-mach mar eisimpleir nach bâe nĂ iseantach a bha ann dheth, tha cuid eile air feuchainn ri sgaradh a dhèanamh eadar nĂ iseantachd âmhathâ (a tha beag, catharra no airson stĂ it Ăšr) agus âdhonaâ (impireileis, chinnidheach, no airson stĂ it mhòr stèidhichte),  tha feadhainn air taic shoirbh staoin a chur an cèill airson âeadar-nĂ iseantachdâ â facal nach bite ag aithneachadh gu ro thric. Cha bâ fhuilear dhuinn breithneachadh a dhèanamh air na bhios daoine aâ dèanamh seach na bhios iad ag rĂ dh. Mar sin, a bheil iad aâ brosnachadh coimhearsnachd mhac-meanmach eadar clasaichean agus atharrachadh sòisealta tron stĂ it no nach eil?
Daniel Ankarloo (2008), ‘The dualities of the Swedish welfare model’, pp 78-84
(2009), ‘A new phase of neoliberalism: collapse and consequences for Sweden’
Asbjørn Wahl (2011), The rise and fall of the welfare state