Subway Ghlaschu os cionn na talmhainn! #gaidhlig

Ma tha thu air a bhith ann an Ath Bruic/Ibrox bho chionn goirid, is dòcha gun do mhothaich thu gu bheil tòrr obair togail a’ dol air adhart eadar Stadium Rangers agus an Stèisean Poilis mòr.

‘S ann a tha iad a’ togail rathad-iarainn ùr.

1-Clockwork-orange-new-train

Tha trèanaichean ùra gu bhith aig an Subway agus thathar an dùil gun tig iad a Ghlaschu am-bliadhna fhathast. Feumar deuchainnean a dhèanamh air na trèanaichean ùra seo agus tha tòrr teicneòlas ùr ann ri dhearbhadh oir bidh na trèanaichean seo gun dràibhear.

Tha an loidhne ùr seo a’ ruith gu deas bho depot an t-Subway anns a’ Bhroomieloan gu faisg air an rathad-iarainn nàiseanta eadar Glaschu agus Pàislig.

Govan

Bho làrach-lìn RailScot

Bha loidhne rèile an seo roimhe – Meur-loidhne Bhaile Ghobhainn aig an robh stèisean ann an Ath Bruic agus ann am Baile Ghobhainn fhèin faisg air far a bheil Bun-sgoil Taobh na h-Aibhne suidhichte an-diugh. Dhùin stèisean Bhaile Ghobhainn air ais anns na 20an mar thoradh air co-fharpais bho na tramaichean ach bha stèisean Ath Bruic fosgailte gu 1967.

Ibrox deas_IMG_0828

Ibrox 1_IMG_0820

Loidhne deuchainn an t-Subway, Ath Bhruic

Bha loidhne deuchainn aig an Subway roimhe a chaidh a chleachdadh airson nan trèanaichean ùra a chaidh a thoirt a-steach ann an 1980. Cha deach a chleachdadh fad iomadh bliadhna ge-tà agus bha e ann an droch staid gus bho beagan mhìosan air ais.

test track

Mar a bha an loidhne deuchainn bho chionn 10 bliadhna

Tha seo uile a’ ciallachadh gum bi cothroman againn na trèanaichean ùra fhaicinn os cionn na talmhainn agus dealbhan a thogail.

Alasdair

Air a phostadh ann an Metrothan, rathaidean-iarainn, Subway Ghlaschu, Uncategorized | 1 bheachd

Jet Set Alasdair! Turas dhan Òban #gàidhlig

Gach turas a bhios mi air loidhne na Gàidhealtachd an Iar, bidh mi a’ smaoineachadh air ais do na 1980an nuair a bha mi nam bhalach. An àite a bhith nam shuidhe air trèana air a’ Ghàidhealtachd ann an 2019, tha mi air ais san t-Seòmar-caidil agam ann an taigh mo phàrantan ann an Siorrachd Lannraig mun bhliadhna 1987.

JSW 4

Tha adhbhar sònraichte ann airson seo. Tha siostam siognalaidh rèidio air an loidhne agus nuair a tha an trèana a’ conaltradh leis an neach-siognalaidh, nì e fuaim coltach ris an fhuaim a nì ZX Spectrum nuair a bhios e a’ luchdachadh suas geama bho theip. Ma tha thu nad shuidhe faisg air bothan an dràibheir, cluinnidh tu am fuaim binn brèagha ud agus bidh thu fhèin air ais sna làithean geala sin còmhla rium!

B’ iad sin na làithean a chàirdean! Manic Miner, Jet Set Willy, Chuckie Egg, Hungry Horace agus tòrr tòrr a bharrachd. Tha deagh chuimhne agam a bhith a’ cur seachad uairean a thìde aig an deasga agam ag èisteachd ris na Skids, It Bites, Gary Moore agus na Hooters is eile agus a’ cluich air an Speccy.

Gu dearbha, tha tòrr mu Rathad-iarainn na Gàidhealtachd an Iar a tha seann fhasanta ceart gu leòr, ach an turas seo, mhothaich mi gu bheil ScotRail air a bhith gu math trang ag ùrachadh rudan cuideachd is nach robh a h-uile rud mar a bha e ann an 1987.

Sin na bha mi a’ smaoineachadh Disathairne agus mi a’ dèanamh air an Òban air an trèana airson Cruinneachadh na Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheil.

Nuair a ràinig mi Stèisean Sràid na Banrigh aig 5.00 Disathairne bu mhise a’ chiad duine a-staigh dhan stèisean. Mhothaich mi gun robh sgeadachadh an stèisein a’ tighinn air adhart gu math agus tha mi a’ coimhead air adhart ris an stèisean gleansach ùr a bhios tòrr nas motha cuideachd.

 

Chaidh mi air bòrd an 05.20 dhan Òban. ’S e rud ùr a tha sin cuideachd – trèana a tha a’ toirt cothrom dhut a bhith anns an Òban airson coinneamhan aig 9m – rud nach eil againn airson Glaschu/Dùn Èideann gu Inbhir Nis fhathast.

Bha an trèana fhèin – Clas 156 ‘Super Sprinter’ – air a sgeadachadh cuideachd le cathraichean is bùird is bratan-ùrlair ùr. Na bu chudromaiche, ge-tà, tha plugaichean dealain agus wifi ann – rud a tha gu math cudromach san latha a th’ ann airson daoine a dh’fheumas obrachadh air an trèana.

crion-làraich

Clas 156 – chaidh an togail ann an 1987 – anns a’ Chrìon-làraich

Anns na stèiseanan cuideachd, tha clàran-fiosrachaidh didseatach ùr a tha ag innse dhut cuine a bhios an ath thrèana agus bòrd fiosrachaidh didseatach mun chadalaiche, an Caledonian Sleeeper.

Le trèanaichean nas tràithe agus le wifi is dealan is leasachaidhean eile, tha fios gum bi barrachd dhaoine airson a dhol dhan Ghàidhealtachd an Iar air an trèana seach a bhith a’ siubhal sa chàr.

Rud eile a bha math, ’s e gun robh tràilidh ann le biadh is deoch fiù ’s air trèana 05.20. Mar as trice, chan eil a leithid air trèanaichean ScotRail a tha cho tràth sa mhadainn agus tha e sgoinneil cothrom a bhith agad cofaidh a cheannach – ged is e fìor droch chofaidh a th’ ann!

Tha mi air an turas seo a dhèanamh iomadh turas roimhe agus airson a’ chiad uair a thìde no dhà bha e gu math ceòthach ach às dèidh sin, air meur-loidhne an Òbain, bha e sgoineil a bhith a’ coimhead air a’ ghrian ag èirigh agus a bhith a’ faicinn nam beanntan is lochan uile.

‘S toil leam loidhne na Gàidhealtachd an Iar oir cha mhòr gach turas a bhios mi a’ siubhail oirre, chì mi cuideigin aig a bheil Gàidhlig agus mar sin, cha robh e na iongnadh nuair a chunnaic mi Rona Dhomhnallach bho Ghlaschu Beò a bha a’ dol dhan cho-labhairt cuideachd.

Uile gu lèir, ’s e turas sgoinneil air rathad-iarainn sgoinneil a bh’ ann. Thathar ag ràdh gur e loidhne a’ Ghearastan/Mhalaig as fheàrr a thaobh seallaidhean ach chanainn gu bheil Loidhne an Òbain a cheart cho math.

Ri leantainn…

Alasdair

Air a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig, rathaidean-iarainn, Uncategorized | Air a thagadh , , , , , , , , , , , , , , | 2 beachd(an)

Is toil leam a’ Chuimrigh, is toil leam gach gleann! #Gàidhlig

Bha sinn anns a’ Chuimrigh bho chionn goirid airson làithean-saora ann an Caerdydd (Cardiff) far a bheil caraid againn a-nis a’ fuireach.

Bha turas inntinneach againn ann agus bha cothrom againn modh-chòmhdhail gu tùr ùr fheuchainn.  Chaidh sinn gu Bristol air a’ phlèana  agus an uair sin, rinn sinn air meadhan a’ bhaile air a’ bhus bhon phort-adhair. Chan e bus àbhaisteach a bha seo ach ‘bus-treòraichte’ no ‘guided bus’.

Bus_on_the_Cambridgeshire_Guided_Busway,_in_Longstanton,_Cambridgeshire,_England

Bus air slighe-bus thrèoraichte ann an Siorrachd Cambridge (Bho Wikipedia Commons)

 

Dè th’ ann am bus-treòraichte? ’S e a th’ ann ach bus a bhios a’ ruith air slighe-bus threòraichte – rudeigin a tha car coltach ri rathad-iarainn le trac de choncraid seach rèilichean iarainn. An àite a bhith a’ ruith air rathad-àbhaisteach, tha na busaichean a’ ruith air slighe leotha fhèin. Tha ‘cuibhleachan treòrachaidh’ no ‘guide wheels’ air a’ bhus a tha ga chumail air an trac.

Bhiodh slighean-bus àbhaisteach a tha sgaraichte bhon trafaig a cheart cho math mar as trice ach le slighean-bus treòraichte, tha rud beag nas lugha de thalamh a dhìth agus gu tric, tha iad air an togail far an robh seann rathad-iarainn. Ann an suidheachadh mar seo, tha rùm gu leòr ann airson slighe-bus treòraichte far nach biodh rùm gu leòr ann airson slighe-bus àbhaisteach.

A bharrachd air an t-siostam ann am Bristol, tha siostaman ann an Cambridge, Leigh-Salford-Manchester agus Luton gu Dunstable.

Bha am bus-treòraichte ach chanainn gum biodh rathad àbhaisteach do bhusaichean a-mhàin a cheart cho math agus gum biodh slighe-trama, rathad-iarainn no busaichean-tràilidh na b’ fheàrr.

An uair sinn, ràinig sinn Bristol Temple Meads, cridhe ìompaireachd rathad-iarainn a’ Ghreat Western, aig a bheil togalach fìor àlainn a tha coltach ri àrd-eaglais no caisteal (ged nach eil mòran na bhroinn!).

Rinn sinn air Caerdydd an an trèana agus taobh a-staigh trì cairteil na h-uarach agus às dèidh turas tro Thunail an t-Severn, bha sinn ann am prìomh bhaile na Cuimrigh.

Clas 165 aig Caerdydd Canalog

An trèana eadar Bristol agus Caerdydd

Bha rugbaidh a’ dol air adhart eadar a’ Chuimrigh agus an Eadailt bha tòrr deoch is sabaid a’ dol ann am meadhan a’ bhaile le poileas agus luchd-ambulans air feadh an àite – agus bha dìle bhàite ann cuideachd. Uile gu lèir, bha e mar nach do dh’fhàg sinn Glaschu!

An ath mhadainn ann an solas an latha agus leis an turadh ann, bha cothrom againn coimhead mun cuairt agus faicinn cho math ’s a tha am baile. Tha mi air a bhith ann an Caerdydd turas no dhà roimhe ach bha mi ann le m’ obair agus chuir mi seachad a’ mhòr-chuid den àm aig Bae Caerdydd/Bàgh Chaerdydd faisg air an t-Seanadh Nàiseanta. An turas seo, bha sinn ann am mheadhan a’ bhaile.

Tha Caerdydd sgoinneil oir:

  • Tha Cuimris air feadh an àite!
  • Tha na bùithtean math – tha meadhan a’ bhaile tòrr nas beòthaile na meadhan Ghlaschu no Dhùn Èideann agus chan eil an uiread idir ann de bhùithean dùinte eu-coltach ri Sràid Sauchiehall a tha cha mhòr na fàsach sna làithean seo. Tha tòrr bùithtean beaga ann sna h-arcades ann am meadhan a’ bhaile agus chan e dìreach na mòr-bhùithtean àbhaisteach.
  • Tha Seanadh na Cuimrigh ann!
  • Agus, a-rithist, tha tòrr Cuimris ri faicinn – agus chuala mi i cuideachd trì no ceithir tursan.

Chaidh sinn air an turas bus fosgailte do luchd-turais agus chaidh sinn dhan Chaisteil. Tha an caisteal gu math psychedelic agus gu math coltach ri Mount Stuart ann an Eilean Bhòid, a chaidh a thogail leis an aon duine,  Marcais Bhòid.

Nuair a bha na nigheanan trang a’ dèanamh rudan eile, rinn mi air Stèisean Sràid na Banrigh (seadh, coltach ri Glaschu, ’s e Queen Street agus Central a th’ air na prìomh stèiseanan!) leis an amas barrachd de lìonra rèile na Cuimrigh fhaicinn.

Cha robh cus tìde agam agus mar sin, chuir mi romham a dhol air na loidhnichean mu dheireadh ann an Caerdydd fhèin nach do dh’fheuch mi roimhe.

Thoisich mi le meur-loidhne Coryton agus chaidh mi an uair sin gu Radyr (no Radur sa Chuimris). Nuair a bha mi òg, bha tòrr de na h-ainmean-stèisean sa Chuimrigh a’ còrdadh rium, gu sònraichte Radyr agus Cathays.  Fhuair mi cothrom a dhol gu Radyr mu dheireadh thall ach ’s e briseadh dùil a bh’ ann an Cathays – shaoil mi gur ann mar ‘Cathays’ a chanadh tu e ach a rèir coltais, ’s ann a tha e air fuaimneachadh mar ‘Cat-hays’ – chan eil sin idir cho snog!

Stèisean Coryton, Caerdydd

Abair deagh dhùthaich! Is toil leam a’ Chuimrigh, is toigh leam gach gleann…

Alasdair

 

Air a phostadh ann an A' Chuimrigh, busaichean, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Uncategorized | Air a thagadh , , , , , , , , , , , , | Sgrìobh beachd

Tha a h-uile rathad (iarainn) a’ dol dhan Ròimh! #gàidhlig

Bidh mi fhèin is Jenny a’ dol dhan Ròimh airson latha no dhà anns a’ Chèitean.

Mar a thachair leis an turas againn gu Venice an-uiridh, cha do smaoinich mi idir mu thrèanaichean, tramaichean is tràilidhean fhad ’s a bha mi a’ cur an turais air dòigh. Cha robh fa-near dhomh ach làithean-saora romansach a bhith againn agus na seallaidhean suaicheanta fhaicinn.  Às dèidh làimh, ge-tà, fhuair mi a-mach gu bheil tòrr rudan inntinneach sa Bhaile Shìorraidh a thaobh rathaidean-iarainn.

Bha fhios agam gum biodh meatro is seirbheisean rèile ionadail ann, ach tha mi air faighinn a-mach gu bheil an dà chuid busaichean-tràilidh agus tramaichean ann a bharrachd air seo. Coma leum an Colloseum – tha busaichean-tràilidh anns an Ròimh!

Roma filosnodato (dual-mode trolleybus) built by Solaris

Wikipedia Commons: Le Steve Morgan – Own work, CC BY-SA 3.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=8637024

Tha na busaichean-tràilidh a’ ruith air bataraidhean ann am meadhan a’ bhaile eachdraidheil ach an uair sin, bidh iad a’ dol air na uèirichean airson a’ chòrr den t-slighe. ‘S e siostam ùr a tha seo a dh’fhosgail ann an 2005.

Tha mi an dòchas gum bi tìde agam turas a ghabhail air bus-tràilidh san Ròimh a bharrachd air a bhith a’ dol dhan Cholloseum agus dhan Bhatacan is mar sin air adhart.

A bharrachd air trèanaichean, tramaichean is tràilidhean, tha ùidh mhòr air a bhith agam fad mo bheatha ann am Meanbh-stàitean na Roinn Eòrpa cuideachd – Andorra, A’ Bhatacan, Lichtenstein, Monaco agus San Marino agus bidh e sgoinneil an Ròimh fhaicinn gus an tèid mi dhan Bhatacan.  Ma tha ùidh agad anns na dùthchannan beaga seo, faic an t-artagal a sgrìobh mi mu dheidhinn rathaidean-iarainn nam Meanbh-stàitean beagan bhlaidhnaichean air ais.

Bus-tràilidh na Ròimhe, dealbh le John Zebedee le a chead 

Busaichean tràilidh ann am meadhan a’ bhaile (gun uèirichean – air cumhachd bataraidh). Dealbh le John Zebedee le a chead 

Alasdair

Air a phostadh ann an busaichean-tràilidh, Uncategorized | Air a thagadh , , , | 1 bheachd

Bun-os-cionn Bahn Shasainn #gàidhlig

Thug sinn sùil roimhe seo air aona-rèile sgoinneil na Gearmailt – Schwebebahn Wuppertal – agus air a’ Bhennie Railplane faisg air Glaschu.

Fhuair mi a-mach bho chionn goirid gun robh planaichean ann uair gus aona-rèile a thogail ann an Leicester. Ràinig na planaichean ìre gu math adhartach anns na 1960an ach cha deach gabhail riutha aig a’ cheann thall.

img_1620

Plana de dh’aona rèile Leicester – ach cha do thachair e aig a’ cheann thall

Dh’ionnsaich mi mu dheidhinn seo bho mo charaid ioma-chànananch Rhisiart a thogadh anns a’ bhaile agus a tha a-nis a’ fuireach anns a’ Chuimrigh. Dh’innse e dhomh cuideachd gur e Caerlŷr a’ Chuimris air Leicester.

Is bochd nach deach bun-os-cionn bahn Leicester a thogail. Chan eil eòlas sam bith agam air Leicester agus chan eil am baile uamhasach ainmeil airson rud sam bith – ach le aona-rèile mar sin, bhiodh anaragan rèile mar mi fhèin air a dhol ann nan dròbhan bho air feadh an t-saoghail airson a dhol air!

Alasdair

Air a phostadh ann an England, Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach, Uncategorized | Air a thagadh , , , , , | Sgrìobh beachd