Stèidhich Oilthigh Ghlaschu an sgeama seo o chionn trì bliadhna gus àite-còmhnaidh a chruthachadh far am b’ urrainn do dh’oileanaich Ghàidhlig a chleachdadh air làrach an Oilthigh mar chànan nàdarra is làitheil.  Gach bliadhna tha buidheann eadar-dhealaichte a’ fuireach  ann an Taigh na Gàidhlig agus a’ cur tachartasan air dòigh gus a’ chànan a bhrosnachadh am measg muinntir an Oilthighe.

’S e sgeama le prìomhachas air a’ chànan fhèin a th’ ann agus mar sin feumaidh oileanaich a bhith fileanta gus a bhith na phàirt dheth.  Chan eil seo ri ràdh gu feum Gàidhlig a bhith aig na h-oileanaich bho thùs ge-tà.  Faodaidh luchd-ionnsachaidh pàirt a ghabhail san sgeama cuideachd cho fad ’s a tha sgilean conaltraidh iomchaidh aca.  Gu ruige seo tha measgachadh de luchd-ionnsachaidh agus daoine le Gàidhlig bho thùs air a bhith a’ fuireach ann an Taigh na Gàidhlig a h-uile bliadhna bhon a thòisich an sgeama.  Thèid màl nan oileanach ìsleachadh leis gu bheil iad a’ cuideachadh le tachartasan tron bhliadhna.

Tha sinn an sàs ann an tòrr tachartasan am bliadhna eadar pod-chraolaidhean agus tachartasan sòisealta.  Cùmaibh sùil oirnn air loidhne gus barrachd fios fhaighinn mur deidhinn.  Nach lean sibh sinn air Twitter is nach dèan sibh càirdeas ruinn air Facebook?