Ciom-Tì

SAMSUNG CAMERA PICTURES

Mmmm, is toil leam ciom-tì. Tha mi beò air an stuth. Teth, saillte, agus tòrr Lactobacillus beò. Nuair a bha mi òg an Seattle, b’ àbhaist dhomh torran ciom-tì ithe mus do thuig mi nach robh an stuth traidiseanta buileach glasrach. (Gu traidiseanta, cuirear annlan-èisg ann.) Mar sin, nì mi fhìn e a-nis, agus seo an reasabaidh agam. ’S ann do chiom-tì luath a tha i, stuth a bhrachas tu fad 3-4 latha agus a chumas tu anns an fhuaradair.

SAMSUNG CAMERA PICTURES

Grìtheidean:

Glasraich:

1 punnd de chàl (Càl Sweetheart no càl sam bith eile a thogar)

1/2 uinnean air a shliseadh ann an siallan

Blasan:

3/4 spàin mhòr de shalainn gharbh (salainn phiclidh, Kosher no salainn na mara neo-fhinichte, gun aidhiodain; ma chleachdar salainn mhìn seach gharbh, cleachdaibh nas lugha dhith)

1 spàin mhòr de paprika milis (seach teth)

1 spàin bheag de mhin chipotle, a rèir blas

1/4 spàin bheag de mhin dinnseir no 1/2 òirleach de dhinnsear ùr air a ghearradh gu mìn

1/2 spàin bheag de mhin chreabha no 2 chlobha chreabha air a ghearradh gu mìn.

SAMSUNG CAMERA PICTURES

An toiseach, meidhich an càl agus iomadaich an reasabaidh mar as iomchaidh. Cothlaim na blasan ann am mias mòr.

SAMSUNG CAMERA PICTURES

Nigh an càl agus geàrr ann an steallan 1/2 òirlich. (Na cleachd an cuairsgean.)

SAMSUNG CAMERA PICTURES

Slis an t-uinnean ann an siallan.

SAMSUNG CAMERA PICTURES

Cothlaim an càl, an t-uinnean agus na blasan.

SAMSUNG CAMERA PICTURES

Dinn a h-uile rud fo chuideam fad trì uair a thìde.

Chì thu an dòigh agam fhìn an seo →

Chleachd mi prais a theachdas anns a’ mhias, le searrag làn uisge air a muin. 

Gach uair a thìde, cothlaim a-rithist e.

Bidh an salainn a’ tarraing sùgh às a’ chàl anns an ùine seo.

An dèidh trì uairean, dinn an ciom-tì ann an sileagan no dhà, gus an tig an sùgh os cionn ìre a’ chàil.

Chan eil thu ag iarraidh an sileagan a lìonadh ro làn; nas lugha na 3/4 làn aig a’ char as motha.

Fàg an ciom-tì ri brachadh ann an àite blàth fad trì no ceithir latha, gus am fàs e searbh.

SAMSUNG CAMERA PICTURESGach latha, fosgail an sileagan agus dinn an ciom-tì sìos a-rithist, a’ bruthadh nam builgeanan CO² às agus a’ cur a’ chàil air ais fon t-sùgh.

Na teannaich am muilleach cus; feumaidh an CO² faighinn às dòigh air dòigheigin.

Aon uair ’s gu bheil e math is searbh, cuir anns an fhuaradair e agus ith do leòr!!

 

Air a phostadh ann an punc | Sgrìobh beachd

B’ eòlach do sheanair air veigeán!

farrasgag
Ceangailte ri pròiseact foillseachaidh a thig a-mach an ceann tamaill, bha mi fhìn agus caraid a’ beachdachadh air na faclan vegan agus vegetarian agus dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid orra. Tha mi fhìn nam vegi agus bha mi nam vegan fad greis mhòr nuair a bha mi òg. Nuair a bhios mi a’ bruidhinn orm fhìn sa Ghàidhlig, cleachdaidh mi glasraiche, agus saoilidh mi gu bheil sin reusanta stèidhichte agus so-thuigsinn, ach chan eil fios agam dè a bu chòir dhuinn cleachdadh air vegan.

A thaobh nan Èireannach, ’s e veigeán (vegan) agus veigeatóir (vegetarian) a mholar air tearma.ie (ug!), ach tha facal nas sine ann, feoilséantóir (vegetarian), a mholar anns an fhaclair aig Ó Dónaill, agus ’s e sin a chleachdas caraidean dhomh ann an Èirinn a Tuath.

’S e pàirt dhen trioblaid nach eil a’ Bheurla fhèin buileach soilleir, ciallach a thaobh nam faclan a chleachdar. ’S e vegetarian cuideigin a bhios a’ seachnadh feòil, ach a dh’itheas uighean, bàine, càise agus a leithid. Chan e tràth-bìdh stèidhichte air vegetables a-mhàin a tha sin idir. B’ e sin veganism. Mar thoradh, tha am briathar Èireannach, feoilséantóir, i.e. cuideigin a bhios a’ seunadh no a’ seachnadh feòil, fada na mìneachail, ciallaich na vegitarian anns a’ Bheurla.

Mar sin, mhol mi fhìn dhan charaid agam bu dòcha gum bu chòir dhuinn feoil-sheunadair a chleachdadh air vegetarian agus glasraiche no lusadair a chleachdadh air vegan. Bhiodh sin a’ dèanamh ciall a thaobh brìgh nam briathar, ach mhol mo charaid bu dòcha gum biodh e na b’ fheàrr cleas na Gàidhlig a leantainn a thaobh ìrean no chaiseadan, a’ dèanamh feum às na ro-leasachain sàr-, fìor- no làn-. Air an alt sin, mhol esan glasraiche air vegetarian agus làn-ghlasraiche air vegan.

Hmm, chan eil mi cinnteach. Dè do bheachd?

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 3 beachd(an)

Duineasor

DinosauroidAnns a’ Chèitean, 1982, chaidh alt fhoillseachadh anns an iris, Omni, mu dheidhinn teòiridh a chuir air adhart, bu dòcha, gun do mhion-fhàs dineasaran chun na h-ìre ’s gun do dh’fhàs iad glic agus gun do chruthaich iad an sìobhaltas aca fhèin fada mun do ràinig mac an duine an Talamh. Nis, b’ e bioball nan neardaichean a bh’ ann an Omni. Bhithinn ga leughadh le dìorras tric is minig, agus ged nach robh mi ach 14 bliadhna a dh’aois aig an àm, tha cuimhne agam fhathast air an dealbh dhen bhiast mholta, ‘an Dinosauroid’ (clì), a nochd taca ris an alt. Tha e sgoinneil nach eil? Coltach ri Sleestak. Obh, bha eagal orm ro na Sleestakan nuair a bha mi òg, ach tha dreach car laghach air an fhear seo.

Uil, mar a thachras, rinneadh cnuasachadh air a bheachd a-rithist o chionn greis ann an alt sgoileireil a nochd anns The International Journal of Astrobiology: “The Silurian hypothesis: would it be possible to detect an industrial civilization in the geological record?” le Gavin A. Schmidt agus Adam Frank. B’ e am beachd aig na h-ùghdaran, na robh a leithid air tachairt, bhiodh e uabhasach doirbh sgeul a lorg air an t-sìobhaltas aca anns a’ chlàr chruinneòlach. Ged nach eil fianais sam bith againn gun robh duineasoran a-riamh a’ coiseachd na Talmhainn, chan urrainn dhuinn le cinnt a ràdh nach robh iad ann uaireigin.

Gu pearsanta, bu toil leam creidsinn nach bu sinne na h-aon bhiastan tùrach a dh’èirich air an Talamh. Cò aige a tha fios? Is dòcha gu bheil na duineasoran beò fhathast, am falach ann am fànas, a’ coimhead oirnn agus a’ feitheamh gus am meas iadsan gur fiach e conaltradh rinn. Dè ur beachd-sa?

Via boingboing.net.

Air a phostadh ann an naidheachd | 1 bheachd

Falman

’S e dithis bhalach òga à Beul Feirste an Iar a th’ ann an Kneecap, còmhlan hip-hop a leagas an cuid dhàn ann an Gàidhlig na h-Èireann, làn drabastachd, dhrugaichean is droch fhacal. Tha a h-uile duine a’ bruidhinn umpa an dèidh dhaibh a bhith air am bacadh le RTE. Chan eil mi fhìn cinnteach fhathast, ach tha mi a’ smaoineacheadh gur toil leam iad. Dè ur beachd-se?

Air a phostadh ann an ceòl | Sgrìobh beachd

An Dèidh-Làimh le Eilidh Watt

niuclasachEilidh Watt, ‘An-Dèidh-Làimh,’ Gairm 121, An Geamhradh 1982–3.

’S e sgeulachd ghoirid iar-apocaileaps a th’ anns ‘An Dèidh-Làimh’ le Eilidh Watt. Anns an t-saoghal a dhealbhaich Watt, is coltach gun robh cogadh ann, ach chan innsear dhuinn fàth a’ chogaidh, no buileach dè seòrsa blàr a th’ ann. Chaidh am poball a neimheachadh le “às-innleachdan” air choreigin, ach chan eil fios againn am b’ e armachd niuclasach a chaidh a cleachdadh no rudeigin eile. Leanaidh sinn dithis bhoireannach, Anna agus Sìne, is iad a’ tighinn beò an dèidh an lèir-sgriosa. Roghnaich iad, ron chogadh agus ged a bha rabhadh aca, nach cuireadh iad càil air dòigh, nach dìonadh iad iad fhèin, agus gun caitheadh iad an ùine air fhàgail aca a’ gabhail tlachd à beatha, ach mhair iad tron bhlàr co-dhiù, a dh’aindeoin ’s nach do dh’ullaich iad tearman no nach robh biadh aca cùl na làimhe.

An dèidh corra latha am falach, thèid iad sìos dhan chladach agus lorgaidh iad bàta a dh’ullaich cuideigin eile, cuideigin nach do mhair tron bhlàr, bu choltach. Gabhaidh iad am bàta ag iomradh a-mach gu eilean far an lorg iad uamh le stòras bìdh, a-rithist, a thaisg cuideigin eile nach do mhair. Air an làrna-mhàireach, chì iad làrach-choise sa ghainmhich agus tha fios aca nach eil iad nan aonar air an eilean.

’S e sgeulachd a th’ anns ‘An Dèidh-Làimh’ mu chàirdeas boireann, ach cuideachd, mu chugallachd bheatha. Uair agus uair, mairidh Anna agus Sìne, chan ann air sàillibh ’s gun do rinn iad ullachadh ro làimh, no air sàillibh ’s gun do chuir iad innleachdan seòlta an sàs, ach air sàillibh ’s gu bheil iad rathail, agus cuideachd, air sàillibh ’s gu bheil iad dìleas dha chèile. ’S e deagh fhicsean-saidheans a th’ ann, agus saoilidh mi gu bheil i a’ riochdachadh glè mhath an dragh a bh’ oirnn anns na h-ochdadan agus cogadh niuclasach gar maoidheadh uile.

Dealbh: Roinn-Lùtha nan Stàitean Aonaichte

Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth | Sgrìobh beachd

Gàidheal-Con 2018!

Gaidheal Con 2018

Dealbh | Posted on by | Sgrìobh beachd

Na Balaich Bhiastail + Cogadh nan Reult 2

Tha seo a’ dol na thraidsean a-nis, ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil am fear gu h-àrd fiù ’s nas fheàrr. Cuideachd, naidheachd inntinneach/eagalach/iripiseach a thàinig a-mach an-diugh, tha Amazon am beachd sreath de thionndaidhean a dhèanamh bho na leabhraichean ficsean-saidheans aig Iain M. Banks. Tha fios agaibh cho measail ’s a tha mi orra. Fucairean calpach, tha mi an dòchas nach dèan iad masladh às.

Via io9.

Air a phostadh ann an naidheachd, SF | Sgrìobh beachd