Chaidh mi fhèin is mo charaid gaisgeil Wilson MacLeòid air splaoid dhan Bhun-os-cionn-bahn ann an Wuppertal (an Wuppertaler Schwebebahn) sa Ghearmailt san t-Samhain an-uiridh. Anns an earrainn mu dheireadh den sgeulachd, bha sinn air an t-slighe eadar a’ Bhruiseil is Wuppertal.
Ràinig sinn Wuppertal aig mu 9f agus rinn sinn air an taigh-bìdh Thùrcach a bha sinn air cur air dòigh.
Thàinig an neach-frithealaidh thugainn gus ar òrdugh a ghabhail. Ged a bhruidhinn Wilson Gearmailtis ris, dh’aithnich e gur e luchd na Beurla a bh’ annainn agus thòisich e air bruidhinn ruinn sa Bheurla.
Às dèidh dhomh bruidhinn ris airson greiseag, dh’fhaighnich e cò as a bha mi.
“À Glaschu arsa mise”.
“Tha sinn ceart gu leòr ma-tha” thùirt e ” bha mi daonnan moiteil às a’ chomas agam anns a’ Bheurla agus bha e cur beagan dragh orm nach robh mi gad thuigsinn idir ach ma tha thu à Glaschu, tha sinn a’ mìneachadh a h-uile càil!”
“Carson a tha sibh an seo co-dhìu? An e cuirm-ciùl mòr a tha gu bhith ann – chan e baile a tha uamhasach tarraingeach do luchd-turais a tha seo is mar as trice, chan fhaic sinn daoine à dùthchannan eile an seo ach a-mhàin ma tha consart mòr gu bhith sa bhaile”.
“Tha sinn an seo airson an Schwebebahn fhaicinn!”
Rinn e lachan gàire. “Sin coltach ri cuideigin à seo a bhith a’ dol fad nas slighe gu Alba dìreach airson bus àbhaisteach air choireigin fhaicinn!”
Seadh, chan eil a h-uile duine a’ tuigsinn dìreach cho cool sa tha trainspotting mar chur-seachad!
Bha am biadh math fhèin is rinn sinn air an taigh-òsta againn “the McDreams hotel”. Tha an t-ainm air a chionn ’s gu bheil na Gearmailtich a’ cur “mac” air rudeigin airson sealltainn gur e sàr-bhargan a th’ ann a chionn ‘s gu bheil droch-chliù air na h-Albannaich airson a bhith spìocach! Bha e ann am meadhan raon-gnìomhachais agus bha fear an taigh-bìdh glè cheart nach robh Wuppertal na bhaile do luchd-turais ach chòrd an t-àite rium co-dhiù – mar fhear à Glaschu, tha mi a’ tuigsinn gu bheil spiorad a’ bhaile a cheart cho cudromach ri coltas a’ bhaile!*
Ma tha na Gearmailtich math air rudan a bharrachd air còmhdhail phoblach, tha iad math air cofaidh agus bèicearachd is mar sin rinn sinn air bèicear airson bracaist is srùbag.
Air an t-slighe ann, chunnaic sinn seo: Fight Club Wuppertal.
An uair sin, rinn sinn air a’ bhun-os-cionn-bahn.
‘S e rathad-iarainn fìor annasach a th’ ann – rathad-iarainn a tha crochte bun-os-cionn os cionn na h-aibhne Wupper.
Carson a thog iad rathad-iarainn cho annasach sa chiad dol a-mach agus carson a tha e fhathast ann?
Tha Wuppertal na bhaile gu math fada a tha ann an gleann gu math tana le abhainn gu math lùbach anns a’ mheadhan. Cha robh talamh gu leòr ann gus rathad-iarainn àbhaisteach a thogail gun a bhith a’ leigeil tòrr den bhaile. A chionn ’s gu bheil an abhainn gu math lùbach, cha bhiodh rathad-iarainn àbhaisteach air drochaid os cionn na h-aibhne uamhasach freagarrach nas motha oir dh’fheumadh na trèanaichean a dhol gu math slaodach is dheanadh iad droch fhuaim cuideachd. Mar sin, ged a tha rathaidean-iarainn mar seo gu math cosgail a ruith, cha bhiodh rud sam bith eile air a bhith freagarrach san t-suidheachadh.
San latha an-diugh tha am Bun-os-cionn-bahn fhathast mar phrìomh mhodh chòmhdhail sa bhaile leis na milleanan ga chleachdadh gach bliadhna.
Bidh na trèanaichean a’ gluasad bho thaobh gu taobh caran coltach ri bàta agus bi iad a’ dol gu aon taobh car coltach ri plèana a tha tionndadh nuair a bhios e air na h-oiseanan. Is dòcha nach còrdadh seo riut ma bhios cur na mara a’ cur ort.
Tha seallaidhean sgoinneil rim faighinn den bhaile agus den abhainn, gu h-àraid ma shuideas tu aig cùl na trèana. Chan eil ach aon “cab” anns na trèanaichean mar sin agus faodaidh tu suidhe aig an uinneig mhòr aig a’ cheann eile.
Seo bhideo a thog mi den turas air fad againn.
Chan fhaca sinn ailbhean sam bith air an turas againn ach tha sgeulachd gu math ainmeil mun rathad-iarann mun turas a chaidh ailbhean beag air an robh Tuffi air a’ bhun-os-cionn-bahn ais ann an 1950. Bha i ann an siorcas agus gus beagan sanasachd fhaighinn, chaidh Tuffi a chur air a’ bhun-os-cionn bahn. Cha deach seo ro mhath oir bha an t-eagal air an ailbhean bheag bhochd dhan ìre is gun do leum i tron uinneig agus a-steach dhan abhainn. Gu fortanach, cha deach Tuffi a ghoirteachadh gu dona agus san latha an-diugh, tha dealbh Tuffi ri fhaicinn sa h-uile àite sa bhaile.
Chan eil teagamh sam bith ann nach eil seo air aon de na rathaidean-iarainn as annasaiche san t-saoghal – ailbheanan ann no às.
Alasdair
*San dol seachad, airson a mhòr-chuid de droch sterotypes mu na h-Albannaich, tha mi air mothachadh gu bheil na h-Albannaich fhèin gan cur às leth muinntir Obar Dheathain! Mar eisimpleir, canaidh daoine a taobh a-muigh na h-Alba oirnn gu bheil sinn spìocach ach bidh daoine ann an Alba ag ràdh gur e muinntir Obar Dheathain a tha spìocach. Bidh cuid à taobh a-muigh na h-Alba ag ràdh cuideachd gu bheil cuid de dh’Albannaich ri, ahem, dol a-mach gu math mì-iomchaidh le caoraich ach ann an Alba, ’s ann aig muinntir Obar Dheathain a tha an droch chliù seo airson adhbhar air choireigin. Carson a tha seo? Dè rinn muinntir Obar Dheathain ceàrr?!