Prìomh-Dhuilleag
Aiste na Seachdain
Ro-Ràdh
|
Dè tha ri dhèanamh
|
Artagail taghta
’S e fèill a th' ann an Samhain a bhios air a chomharrachadh air oidhche an 31mh den Dàmhair . A rèir coltais, do na Ceiltich a bha a’ fuireach san Roinn-Eòrpa, is gu h-àraid do na Gàidheil, bhiodh a’ bhliadhna roinnte eadar na ceithir ràithean, a thòisicheadh le fèilltean sònraichte, is bha na fèilltean seo dha-rìribh cudromach dhaibh. Bhiodh iad a’ comharrachadh toiseach an Earraich le fèill ris a’ chanadh iad Imbolc, air 1 an Gearran (Là Fhèill Brìghde an dèidh làimh), fèill aig toiseach an t-Samhraidh ainmichte mar Chéadamhan no a-nis Bealltainn, air 1 an Cèitean, Lugnasad air 1 an Lùnastail mar thoiseach an Fhoghair, is Samhain, no deireadh an t-samhraidh (Samrad Fuin san t-Seann Ghàidhlig), aig toiseach a’ mhìos air a bheil an aon ainm. Ge-tà, tha na cinn-là air a bhith a’ gluasad thairis air na linntean. Mar a bhiodh na làithean a’ tòiseachadh le beul na h-oidhche a rèir nan Seann Gàidheal, bhiodh a’ bhliadhna a’ tòiseachadh leis a’ gheamhradh, is ’s e àm sònraichte a bha seo. Chan ann dìreach gur b’ e sin deireadh na buana, is àm na casgairte gus biadh fhaighinn airson a’ gheamhraidh, ach bhathar a’ creidsinn gum biodh dorsan gu saoghal eile air am fosgladh. A thaobh nan seann fhionn-sgeul pàganach a bh’ aig na Gàidheil, ’s mar a chaidh a sgrìobhadh air Lebor Gabála Érenn san 11mh linn, bha treubhan a’ fanachd mar-thà ann an Èireann nuair a thàinig na Mìle Spàinne no Gàidheil, ’s iad na Tuatha Dé Danann is na Fomoirich, daoine-sìthe leis an robh aca ri sabaid mus d’fhuair iad an eilean. Nuair a bhuannaich na Gàidheil Èirinn, chaidh na sìthichean dhan t-Saoghal Shìos. Ged-tà, bhiodh am brat eadar an dà Shaoghal a’ fàs tana aig deireadh an t-samhraidh is anns a’ chiad là den t-Samhain bhiodh na sìthichean a’ ruith air feadh an àit’ ...leugh an corr |
San latha an-diugh
'S e 30 am Faoilleach an 30mh latha dhen bhliadhna.
An robh fhios agaibh?
B' e bàrd Gàidhlig agus pìobaire a bh' ann an Iain Eairdsidh MacAsgaill no Bàrd Bheàrnaraigh (19 Gearran 1898 — 4 Ògmhios 1934). B' ann à Beàrnaraigh na Hearadh a bha e. B' e mac Dhòmhnaill MhicAsgaill agus Anna Mhoireasdan a bh' ann. Bha piuthar aige, Effie. Bha aon bhràthair, Alexander, aige a chaidh ainmeachadh air a chlach-uaighe. Chaidh e do Sgoil Bheàrnaraigh eadar 1903 agus 1912. Ann an 1911, bha e agus a phiuthar Effie a' fuireach còmhla ri pàrantan am màthar, Calum agus Effie Moireasdan aig Croit 3, Borbh. Nuair a dh'fhàg e sgoil, thòisich e ag obair mar chìobair agus chuir e seachad bliadhna ag obair do Chalum MacLeòid aig Sandhill. Liostaig e sna Cameron Highlanders an uair sin. Anns a' Chiad Chogadh, b' e pìobaire a bh' ann agus còmhla ri pìobairean eile sheòl e an rathad a-steach dhan chath aig Loos, an Fhraing san t-Sultain 1915...leugh an corr |
Meta-Wiki Co-òrdanachadh a h-uile proiseact sna meadhanan "Wiki" |
Commons Coitcheann na h-Uicipeid |
Wiktionary Faclair (Gàidhlig) |
|||
Wikibooks Leabhraichean is teacs saor an asgaidh |
Wikispecies Treòraiche ghnèithean beatha |
Uicitobar Leabharlann shaor an asgaidh (Gàidhlig) |
|||
Wikiquote Cruinneachadh abairtean |
Wikinews Naidheachdan |
Wikiversity Stuth-ionnsachaidh saor an asgaidh |