Leipzig

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Leipzig
Flag of Leipzig.svg Coat of arms of Leipzig.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Fockeberg leipzig.jpg
Suidheachadh
Dùthaich a' Ghearmailt
Ceàrn Sagsainn
Sgìre Leipzig
Co-chomharran 51° 20′ 25.2″ Tuath
12° 22′ 29.1″ Ear.
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 297.36 km²
Àireamh-shluaigh 518.862 (2009)
Dlùths 1.74/km²
Àireamh fòn 0049 341
Duilleag oifigeil www.leipzig.de

'S e Leipzig (Sorbais Uarach: Lipsk) am baile as motha ann an Sagsainn, anns an earra-dheas na Gearmailt. Ann an 2009 bha 518.862 duine a' fuireach an seo.[1]

Suidheachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha am baile suidhichte anns an Leipziger Tieflandsbucht, àite gu math rèidh, ann an iar-thuath Shagsainn. 'S e seo na co-chomharran aige: 51° 20′ 25.2″ Tuath agus 12° 22′ 29.1″ Ear.

Tha an abhainn Weiße Elster a' ruith tron bhaile. 'S e am Monarchenhügel (159 m) agus am Fockeberg (153 m) na h-àitichean as àirde anns a' bhaile fhèin, tha a' bheinn Galgenberg (163 m) faisg air a‘ bhaile.

Timcheall air Leipzig tha bailtean mòra eile ann, tha Halle (Saale) mu 30 cilemeatair air falbh san iar-thuath, anns an àirde a deas tha Chemnitz a tha mu 80 cileameatair air falbh agus Gera aig astar 60 cilemeatair. Tha Dresden mu 100 cileameatair san earra-dheas, Erfurt timcheall air 100 cilemeatair san iar-dheas agus Magdeburg mu 100 cilemeatair san iar-thuath.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 900 ri taobh an abhainn Parthe mar tuineachadh Slàbhach. Tha a' chiad tùs sgrìobhte a' nochdadh ann an 1015, far an robh Thietmar von Merseburg a' toirt fiosrachadh seachad mu "urbs Libzi" (Baile nan Teilean). Dh' atharraich an t-ainm seo tro na linntean gu Liptzick (1220), Leiptzgk (1402) agus ann an 1507 gu Leipzig.

An t-aros ùr aig Fèill Leipzig

Bhon 12na linn a-mach 's e teas-meadhan malairt cudromach a tha ann an Leipzig. Chaidh an Leipziger Messe (Fèill Leipzig) a chur air bhonn ann an 1190 agus mar sin 's e aon dhe na h-àiteachan-fèille as aosta anns an t-saoghal air fad. Air sgàth 's nach robh na seann toglaichean dhen fhèill mòr gu leòr, chaidh àros ùr a thogail ann an 1996. Chaidh na seann tallaichean ath-nuadhachadh cuideachd, tha bùthan ann a-nis. An-diugh tha fèillean diofraichte a' tachairt aig àmanan eadar-dhealaichte tron bhliadhna, m.e.: fèill ris an canar Auto Mobil International no an Games Convention Online. Tha fèillean eile a' sealltainn nan rudan ùra a tha ceangailte le taighean, gàirnealachd agus còcaireachd.

Ann an eachdraidh a' bhaile chithear gu bheil ceangal làidir eadar Leipzig agus clò-bhualadh is malairt leabhraichean. Anns an 17mh linn chaidh an "Leipziger Buchmesse" a stèidheachadh, 's e fèill leabhraichean a tha ann.

Foghlam[deasaich | deasaich an tùs]

'S e an dàrna oilthigh as sine anns a' Ghearmailt a tha ann an Oilthigh Leipzig. Chaidh a stèidheachadh ann an 1409. Mar a b' abhaist aig an àm ud, b' e eòlas-lagha, eòlas-leighis, eòlas-diadhachd agus feallsanachd na cuspairean a bha ann.

Bhon bhliadhna 1927 bha Werner Heisenberg ag obair mar ollamh ann an Oilthigh Leipzig. Bhuannaich e Duais Nobel ann an 1932.

Roinn na Sòrbais : Chaidh roinn na Sòrbais a chur air bhonn ann an Leipzig. Chan eil ach aon oilthigh anns a’ Ghearmailt far a bheil cothrom aig na h-oileanaich airson Sòrbais Uarach neo Sòrbais Ìosal a thaghadh mar chuspair. Ann an 2013/2014 bha 37 oileanaich aig an oilthigh agus rinn an stàid Sagsainn cinnteach gum faigh gach oileanach obair mar thidsear ma bhios e soirbheachail aig an oilthigh.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Tha mòran daoine ainmeil à Leipzig. Rugadh Richard Wagner an seo ann an 1813, neach-ciùil a tha cliùiteach airson nan oparan aige. Rugadh Karl Liebknecht ann an Leipzig ann an 1871.

Chuir Johann Sebastian Bach, Felix Mendelssohn Bartholdy agus Friedrich Nietzsche pàirt dhen bheatha aca seachad ann an Leipzig.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. www.statistik.sachsen.de
  2. Stadt Frankfurt am Main
  3. Stadt Hannover
  4. Riaghaltas Iosrael
  5. SisterCities
  6. Urząd Miasta Krakowa
  7. Ville de Lyon

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: