Prìomh-Dhuilleag

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Fàilte gu Uicipeid na Gàidhlig – an leabhar-eòlais a tha fosgailte do dhuine sam bith!
Thòisich sinn anns an t-Sultain, 2003, agus tha sinn a-nis ag obair air 14,161 aistidhean anns a’ Ghàidhlig.

Aistidhean Math agus na Naidheachdan · Roinnean-seòrsa · Na h-Aistidhean Gu Lèir

Aiste na Seachdain

Crystal Clear app wp.png
Ro-Ràdh
  • Seo prìomh-dhuilleag Uicipeid na Gàidhlig. Ann an uicipeidean bidh iomadh neach ag obair ri chèile airson leabhar mòr-eòlais a sgrìobhadh ann an iomadh cànan.
  • Tha 14,161 duilleagan san uicipeid seo. Tha a h-uile tè dhiubh saor ri cleachdadh. Cha bhi sinn a' cleachdadh ach a' Ghàidhlig anns na h-aistidhean air a' phrìomh-dhuilleig ach na gabhaibh dragh mur eil sibh cho fileanta no litearra 's a b' fheàrr leibh - Dèanaibh oidhirp agus bidh cuideachadh ann dhuibh!
  • Thoiribh sùil air na duilleagan fiosrachadh airson cuideachadh fhaighinn agus Talla a' Bhaile airson ceist sam bith fhaighneachd no airson còmhradh mun Uicipeid. Faodaidh sibh sùil a thoirt air an liosta aistean air a bheil feum mur eil sibh cinnteach càite an tòisich sibh.
Exquisite-khelpcenter.png
Dè tha ri dhèanamh
  • Sgrìobhaibh aistidhean math le cùram. Tha na leabhraichean mòr-eolais as fheàrr air an dèanamh an àird le duilleagan làn fiosrachaidh fheumail agus air an sgrìobhadh gu faiceallach.
  • Cleachdaibh na duilleagan airson ionnsachadh agus teagasg. Is urrainn do na h-aistidhean seo cuideachadh a thoirt do dhaoine gus a' Ghàidhlig ionnsachadh no, airson fhileantaich, fiosrachadh agus eòlas fhaighinn mu shaoghal nan cànan fhèin.
  • Tha goireasan air-loidhne a dh'fhaodas sibh cleachdadh airson aiste a sgrìobhadh. Tha Uicipeid na furasta ri chleachdadh airson eadar-theangachadh agus an Stòr-dàta agus am Faclair Beag ri ur làmhan airson cuideachadh le briathrachas agus, ma tha sibh air Firefox, dearbhair-litreachaidh gus ur cuideachadh leis an litreachadh.
Wikimedal.png
Artagail taghta
Lòchran snèipe

’S e fèill a th' ann an Samhain a bhios air a chomharrachadh air oidhche an 31mh den Dàmhair .

A rèir coltais, do na Ceiltich a bha a’ fuireach san Roinn-Eòrpa, is gu h-àraid do na Gàidheil, bhiodh a’ bhliadhna roinnte eadar na ceithir ràithean, a thòisicheadh le fèilltean sònraichte, is bha na fèilltean seo dha-rìribh cudromach dhaibh. Bhiodh iad a’ comharrachadh toiseach an Earraich le fèill ris a’ chanadh iad Imbolc, air 1 an Gearran (Là Fhèill Brìghde an dèidh làimh), fèill aig toiseach an t-Samhraidh ainmichte mar Chéadamhan no a-nis Bealltainn, air 1 an Cèitean, Lugnasad air 1 an Lùnastail mar thoiseach an Fhoghair, is Samhain, no deireadh an t-samhraidh (Samrad Fuin san t-Seann Ghàidhlig), aig toiseach a’ mhìos air a bheil an aon ainm. Ge-tà, tha na cinn-là air a bhith a’ gluasad thairis air na linntean.

Mar a bhiodh na làithean a’ tòiseachadh le beul na h-oidhche a rèir nan Seann Gàidheal, bhiodh a’ bhliadhna a’ tòiseachadh leis a’ gheamhradh, is ’s e àm sònraichte a bha seo.

Chan ann dìreach gur b’ e sin deireadh na buana, is àm na casgairte gus biadh fhaighinn airson a’ gheamhraidh, ach bhathar a’ creidsinn gum biodh dorsan gu saoghal eile air am fosgladh.

A thaobh nan seann fhionn-sgeul pàganach a bh’ aig na Gàidheil, ’s mar a chaidh a sgrìobhadh air Lebor Gabála Érenn san 11mh linn, bha treubhan a’ fanachd mar-thà ann an Èireann nuair a thàinig na Mìle Spàinne no Gàidheil, ’s iad na Tuatha Dé Danann is na Fomoirich, daoine-sìthe leis an robh aca ri sabaid mus d’fhuair iad an eilean. Nuair a bhuannaich na Gàidheil Èirinn, chaidh na sìthichean dhan t-Saoghal Shìos.

Ged-tà, bhiodh am brat eadar an dà Shaoghal a’ fàs tana aig deireadh an t-samhraidh is anns a’ chiad là den t-Samhain bhiodh na sìthichean a’ ruith air feadh an àit’ ...leugh an corr


System-index-search.svg
San latha an-diugh
Leabharlann Bhodley

'S e 8 an t-Samhain an 312mh latha dhen bhliadhna (313mh ann am bliadhna-leum).


HILLGIALLO puntointerrogativo.png
An robh fhios agaibh?

B' e bàrd Gàidhlig agus pìobaire a bh' ann an Iain Eairdsidh MacAsgaill no Bàrd Bheàrnaraigh (19 Gearran 18984 Ògmhios 1934).

B' ann à Beàrnaraigh na Hearadh a bha e. B' e mac Dhòmhnaill MhicAsgaill agus Anna Mhoireasdan a bh' ann. Bha piuthar aige, Effie. Bha aon bhràthair, Alexander, aige a chaidh ainmeachadh air a chlach-uaighe. Chaidh e do Sgoil Bheàrnaraigh eadar 1903 agus 1912. Ann an 1911, bha e agus a phiuthar Effie a' fuireach còmhla ri pàrantan am màthar, Calum agus Effie Moireasdan aig Croit 3, Borbh.

Nuair a dh'fhàg e sgoil, thòisich e ag obair mar chìobair agus chuir e seachad bliadhna ag obair do Chalum MacLeòid aig Sandhill. Liostaig e sna Cameron Highlanders an uair sin. Anns a' Chiad Chogadh, b' e pìobaire a bh' ann agus còmhla ri pìobairean eile sheòl e an rathad a-steach dhan chath aig Loos, an Fhraing san t-Sultain 1915...leugh an corr

Mòr-Eòlas
Nuvola filesystems folder home.png Saidheansan Teicneòlach is Gnìomhaichte

Àiteachas - Ailtireachd - Cian-chonaltradh - Coimpiutaireachd - Conaltradh - Croitearachd - Dealan - Eadar-lìon - Eòlas-leighis - Buain na mòna - Giùlan - Iasgach - Innleadaireachd - Teicneòlas

Nuvola apps kdmconfig.png Saidheansan Daonna

Àrsaidheachd - Cànan agus Cànanachas - Corp-eòlas - Cruinn-eòlas - Eachdraidh - Eòlas-comainn - Eòlas-inntinn - Feallsanachd - Foghlam - Teagasg

Nuvola apps kcoloredit.png Ealain, Dualchas is Cultar

Ainmean - Bàrdachd - Ceòl - Cultar mòr-thaitneach - Dannsa - Ealain - Ealain-lèirsinneach - Film - Litreachas - Meadhanan - Rosg - Spòrs - Ur-sgeulachdan

   
Nuvola apps edu science.png Saidheansan Nàdarra is Matamataig

Beathaichean - Bith-eòlas - Ceimigeachd - Eigeòlas - Eòin - Geòlas - Matamataig - Eòlas-nàdair - Reul-eòlas - Dùileòlachd - Staitistearachd

Nuvola apps kpdf.png Poileataigs, Riaghaltas, Poball is Lagh

Àrainneachd - Comainn & Eagrachaidhean - Dreuchdan - Eaconomaidh - Gnothachas - Lagh - Malairt - Poileataigs - Teaghlach

Nuvola apps bookcase.png Creideamh is Miotas-Eòlas

Adhbharachas - Ana-creideamh - Creideamh - Diadhaireachd - Miotas-eòlas - Spioradalachd

Uicipeidean ann an cànain eile

1,000,000 +
500,000 +
250,000 +
175,000 +
Cànanan Ceilteach


Wikimedia-logo.svg Meta-Wiki
Co-òrdanachadh a h-uile proiseact sna meadhanan "Wiki"
Commons-logo.png Commons
Coitcheann na h-Uicipeid
Wiktionary-logo-en.png Wiktionary
Faclair (Gàidhlig)
Wikibooks-logo.png Wikibooks
Leabhraichean is teacs saor an asgaidh
Wikispecies-logo.png Wikispecies
Treòraiche ghnèithean beatha
Wikisource-logo.png Wikisource
Leabharlann shaor an asgaidh
Wikiquote-logo.png Wikiquote
Cruinneachadh abairtean
Wikinews-logo.png Wikinews
Naidheachdan
Wikiversity-logo.svg Wikiversity
Stuth-ionnsachaidh saor an asgaidh