Reul

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Reul 'ga chruthachadh ann an sgìre Neul Magellanach Mòr. Dealbh le NASA/ESA

Tha reul 'na chruinne mòr dealrach de phlasma, 'ga chumail còmhla le comas iom-tharraing. 'S e a' Ghrian an reul as fhaisge air an Talmhainn.

Chithear reultan eile o uachdar na Talamhainn cuideachd air an oidhche mur eil rudan mar neòil ann agus tha coltas puingean beaga dealrach orra leis an astar a tha eadar sinne 's iadsan. Bhathar a' cruinneachadh nam buidhnean as cudromaiche de reultan ann an reul-bhadan gu eachdraidheil agus thugadh ainmean air an fheadhainn as fhollaisiche.