Prìomh-Dhuilleag
Ro-Ràdh
|
Dè tha ri dhèanamh
|
Artagail taghta
'S e aon de na rannsaichearan as ainmeile mu Afraga a bha ann an Daibhidh MacDhùnleibh (Beurla:David Livingstone). Rugadh e faisg air Baile an t-Saoir 19 am Màrt 1813 agus chaochail e 1 an Cèitean 1873 faisg air Lake Bangweulu ann an Saimbia. Ri taobh na h-aibhne, a ruitheas eadar Bail’ an t-saoir agus Bothwell ann an Siorrachd Lannraig, lorgar togalach a chaidh a thogail anns an 18mh Linn, a’ tabhainn do mhuinntir an àite ionad far am faigheadh obair, rugadh Daibhidh Mac Dhùnlèibh, an dàrna mhac ann an teaghlach Nèill Mhic Dhùnlèibh, a bha pòsta aig Agnes Hunter. Ged nach b’ e ach baile beag a bha ann am Bail’ an t-saoir, dh’fhàs e thairis air ceud bliadhna gu bhith na bhaile mèinnearachd agus a’ crochadh air luchd-obrach a thigeadh à Èirinn agus sgìrean air a’ Ghàidhealtachd mar an ceudna. Aig an àm a rugadh Daibhidh, cha robh ach 2,000 duine a’ fuireach agus a’ tighinn beò sa bhaile, agus mar thoradh air sin, ’s urrainn dhuinn dealbh fhaighinn nar n-inntinn mar sgìre dhùthchail, iomallach, bheag, aodhaireil. Bheireadh an tìr buaidh nach bu bheag air inntinn òg Dhaibhidh; bhiodh e feumail agus cuideachail dha na dhreuchd a thagh e na b’ anamoiche na bheatha. An cois Gort a’ Bhuntàta anns na 1790an air Ulbha, far costa Mhuile ann an Earra-Ghàidheal, thèich cha mhòr gach duine bhon eilean, a’ sireadh beatha nach robh cho gàbhaidh. ...leugh an corr |
An robh fhios agaibh?
B' e bàrd Gàidhlig agus pìobaire a bh' ann an Iain Eairdsidh MacAsgaill no Bàrd Bheàrnaraigh (19 Gearran 1898 — 4 Ògmhios 1934). B' ann à Beàrnaraigh na Hearadh a bha e. B' e mac Dhòmhnaill MhicAsgaill agus Anna Mhoireasdan a bh' ann. Bha piuthar aige, Effie. Bha aon bhràthair, Alexander, aige a chaidh ainmeachadh air a chlach-uaighe. Chaidh e do Sgoil Bheàrnaraigh eadar 1903 agus 1912. Ann an 1911, bha e agus a phiuthar Effie a' fuireach còmhla ri pàrantan am màthar, Calum agus Effie Moireasdan aig Croit 3, Borbh. Nuair a dh'fhàg e sgoil, thòisich e ag obair mar chìobair agus chuir e seachad bliadhna ag obair do Chalum MacLeòid aig Sandhill. Liostaig e sna Cameron Highlanders an uair sin. Anns a' Chiad Chogadh, b' e pìobaire a bh' ann agus còmhla ri pìobairean eile sheòl e an rathad a-steach dhan chath aig Loos, an Fhraing san t-Sultain 1915...leugh an corr Duilleagan ùra
|
Meta-Wiki Co-òrdanachadh a h-uile proiseact sna Meadhanan "Wiki" |
Commons Coitcheann na h-Uicipeid |
Wiktionary Faclair is Tasgaidh (Gàidhlig) |
|||
Wikibooks Leabhraichean is teacs saor an asgaidh |
Wikispecies Treòraiche Gnèithean Bheatha |
Wikisource Leabharlann shaor an asgaidh |
|||
Wikiquote Cruinneachadh abairtean |
Wikinews Naidheachdan |
Wikiversity Stuth-ionnsachaidh saor an asgaidh |