Prìomh-Dhuilleag
Fàilte gu Uicipeid na Gàidhlig – an leabhar-eòlais a tha fosgailte do dhuine sam bith!
Thòisich sinn anns an t-Sultain, 2003, agus tha sinn a-nis ag obair air 11,714 aistidhean anns a’ Ghàidhlig.
|
Ro-Ràdh
|
Dè tha ri dhèanamh
|
Artagail taghta
Air 21mh Lunasdal 1689 thug reiseamaid Gallta nan Cameronians, a bha a' seasamh chòirichean Rìgh Uilleim, buaidh air na h-ionnsaighean a rinneadh le na Seumasaich air a' bhaile, agus chaidh ruaig callmhor a chuir air na fineachan Gàidhealach. Ann an ar-a-mach nan Seumasach, 1689-90, bha na Seumasaich às dèidh buaidh a thoirt aig Cath Raon Ruairidh, Coille Chnagaidh, air an 27mh latha dhen iuchar 1689. Ach ged bu bhuaidh-làrach e, chaill iad an ceannard buadhmhor Iain Greumach Chlaverhouse, no Claibhears. Bha iad a-nise fo chommand oifigich Èireannaich an Còirneal Cannon. Bha esan fada gun gluasad a dhèanamh, ach air meadhan an Lunasdal 1689 rinn 5,000 fear-cinnidh Gàidhealach adbhanns deas a dh'ionnsaigh Dhùn Chaillinn. Bha am baile air a dhìon le rèisimeid Iarla Aonghais, a bha air ùr-chruthachadh air Galltachd na h-Alba; bha a' chuid nach bu bheag dheth de luchd-leantainn Ridseard Chamshroin, covenanter a rugadh am Fìobha agus a chaidh a mharbhadh le feachdan Theàrlaich II an 1680. Rè ùine, chaidh an t-ainm Cameronians a bhuileachadh orra, mar chuimhneachan airsan; cha robh buinteanas aig an rèisimeid seo do Chlann Chamshron, a bha a' sabaid air taobh nan Seumasach. Bha na Cameronians fo chommand Uilleim Chlelland, cùmhnantach iomraiteach a rugadh an Dubhghlas, Siorramachd Lannraig. ...leugh an corr |
An robh fhios agaibh?
Tha eachdraidh nam faclairean Gàidhlig a' dol air ais gu toiseach na seachdamh linn deug agus b' ann aig toiseach na naoidheamh linn deug a bha foillseachadh nam faclairean aig àirde a ghnìomhachd. Cha robh uiread a dh'fhaclairean a' tighinn a-mach ann an clò a-rithist on àm sin, fiù san fhicheadamh linn. 'S e faclairean Beurla gu Gàidhlig a tha sa mhòrchuid dhiubh gu ruige seo. Mus robh faclairean fhèin ann, bha briathrachain ann, leabhraichean beaga a bha na b' fhaisge air liostaichean de dh'fhaclan na faclairean. Nochd a' chiad dhiubh ann an 1702 nuair a dh'fhoillsich an t-Urr. Robert Kirk liosta de dh'fhaclan mar leasachan dhan Scottish Historical Library aig William Nicolson. Dh'fhoillsich an Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge leabhar air an robh Leabhar a Theagasc Ainminnin 40 bliadhna an dèidh sin ann an 1741, air a chruinneachadh le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair .... leugh an corr Dè tha dol?
Duilleagan ùra: |
|