Prìomh-Dhuilleag
Fàilte gu Uicipeid na Gàidhlig – an leabhar-eòlais a tha fosgailte do dhuine sam bith!
Thòisich sinn anns an t-Sultain, 2003, agus tha sinn a-nis ag obair air 11,384 aistidhean anns a’ Ghàidhlig.
|
Ro-Ràdh
|
Dè tha ri dhèanamh
|
Artagail taghta
Thachair an Cogadh Cathara Ameireaganach eadar 1861 agus 1865 eadar na stàitean a deas a bha a' strì dùthaich neo-eisimeileach a stèidheachadh agus na stàitean a tuath a bha airson an dùthaich a chumail aonaichte. Thàinig an cogadh gu crìoch nuair a bhuannaich na Stàitean a Tuath. 'S e cogadh a b' fhuiltiche ann an eachdraich na Stàitean Aonaichte. Chaidh tòrr is 600,000 saighdearan a mharbhadh ann. Anns a' cheann a deas nan Stàitean Aonaichte, bha mòran de dhaoine a bha air an cumail ann an tràillealachd, daoine dhubha a bha air an toirt thar a' Chuain Shiar bho Afraga. Ged a bha tràillealachd ceadaichte air feadh na Stàitean Aonaichte aig àm an Aramaich, 's ann ann an ceann a deas gu h-àraidh a dh' fhàs i cudromach dhan eaconomaidh ionadail anns na bliadhnaichean a lean deireadh an Aramaich. Aig an dearbh àm , chaidh tràillealachd à bith buileach anns a' cheann a tuath. Aig àm a' chogaidh 1812 eadar na Stàitean Aonaichte agus a' Bhreatainn Mhòr, bha an aon uibhir de stàitean saora 's a bha de stàitean far an robh tràillealachd ceadaichte. Bha sin a' ciallachadh gu robh co-ionnanachd eadar an dà chuid de stàitean anns an t-Seanaid far an robh dà seanadair aig gach stàite. Cha robh na stàitean tràillealach deònach idir an cuid co-ionnanachd a chall. Mu dheireadh thall, ann an 1820, cho-dhùin iad bho sin a-mach stàitean ùra a leigeil a-steach nan càraidean, an dàrna tè saor agus an tè eile tràillealach. Mar sin, cha chailleadh na stàitean tràillealach an cuid co-ionnanachd de chumhachd....leugh an corr |
An robh fhios agaibh?
Tha eachdraidh nam faclairean Gàidhlig a' dol air ais gu toiseach na seachdamh linn deug agus b' ann aig toiseach na naoidheamh linn deug a bha foillseachadh nam faclairean aig àirde a ghnìomhachd. Cha robh uiread a dh'fhaclairean a' tighinn a-mach ann an clò a-rithist on àm sin, fiù san fhicheadamh linn. 'S e faclairean Beurla gu Gàidhlig a tha sa mhòrchuid dhiubh gu ruige seo. Mus robh faclairean fhèin ann, bha briathrachain ann, leabhraichean beaga a bha na b' fhaisge air liostaichean de dh'fhaclan na faclairean. Nochd a' chiad dhiubh ann an 1702 nuair a dh'fhoillsich an t-Urr. Robert Kirk liosta de dh'fhaclan mar leasachan dhan Scottish Historical Library aig William Nicolson. Dh'fhoillsich an Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge leabhar air an robh Leabhar a Theagasc Ainminnin 40 bliadhna an dèidh sin ann an 1741, air a chruinneachadh le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair .... leugh an corr Dè tha dol?
Duilleagan ùra: |
|