Prìomh-Dhuilleag
Fàilte gu Uicipeid na Gàidhlig– an leabhar-eòlais a tha fosgailte do dhuine sam bith
Thòisich sinn anns an t-Sultain, 2003, agus tha sinn a-nis ag obair air 11,170 aistidhean anns a’ Ghàidhlig.
|
Ro-Ràdh
|
Dè tha ri dhèanamh
|
Artagail taghta
'S e lagh de Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Achd na Croitearachd (1886) a tha an sàs ann gus an latha an-diugh. ![]()
Peighinn Choinnich, baile chroitearachd faisg air Uige anns an Eilean Sgitheanach
Anns an achd seo chaidh mìneachadh oifigeil a chur air bhonn cò th' ann an croitear agus dè tha ann an sgìre chroitearachd. Airson a chiad turais fhuair na croitearan tèarainteachd air an fhearann aca agus mar sin chuir an achd seo crìoch air Fuadaichean nan Gàidheal. Bha i a' leantainn gu ìre mhòr na h-achdan a chaidh a stèidheachadh ann an Èirinn ann an 1870 is 1881. Mar a chunnacas anns na Fuadaichean, cha robh còraichean oifigeil aig na croitearan air an fhearann aca gus 1886, bha e ceadaichte gam fuadach a-mach às na bailtean croitearachd aca gun dragh sam bith. Thòisich strì nan croitearan ann an 1874, air sgàth 's gun robh iad ag iarraidh na còraichean tradaiseanta air an fhearann air ais....leugh an corr |
An robh fhios agaibh?
Tha eachdraidh nam faclairean Gàidhlig a' dol air ais gu toiseach na seachdamh linn deug agus b' ann aig toiseach na naoidheamh linn deug a bha foillseachadh nam faclairean aig àirde a ghnìomhachd. Cha robh uiread a dh'fhaclairean a' tighinn a-mach ann an clò a-rithist on àm sin, fiù san fhicheadamh linn. 'S e faclairean Beurla gu Gàidhlig a tha sa mhòrchuid dhiubh gu ruige seo. Mus robh faclairean fhèin ann, bha briathrachain ann, leabhraichean beaga a bha na b' fhaisge air liostaichean de dh'fhaclan na faclairean. Nochd a' chiad dhiubh ann an 1702 nuair a dh'fhoillsich an t-Urr. Robert Kirk liosta de dh'fhaclan mar leasachan dhan Scottish Historical Library aig William Nicolson. Dh'fhoillsich an Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge leabhar air an robh Leabhar a Theagasc Ainminnin 40 bliadhna an dèidh sin ann an 1741, air a chruinneachadh le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair .... leugh an corr Dè tha dol?
Duilleagan ùra: ..... |
|